Sruth: Coimisean ùr mar chomharra air Colmcille 1500

Tha Colmcille 1500 a’ comharrachadh beatha agus dìleab Chaluim Chille, 1,500 bliadhna bho rugadh e.  Bidh a’ bhliadhna a’ brosnachadh dualchas an naoimh agus abaid Eilean Ì a bha a’ ceangal Èirinn, Alba agus nas fhaide air falbh.

Mar chomharra air a’ chlach-mhìle seo, le tabhartas bho Cholmcille aig Bòrd na Gàidhlig, tha Fèisean nan Gàidheal a’ sireadh thagraidhean bho cheòladair le Gàidhlig stèidhichte ann an Alba, co-obrachadh a dhèanamh le neach-ciùil air taobh thall Sruth na Maoile, taisbeanadh ciùil a chur ri chèile a bhios ri chluinntinn aig Blas 2021.  Mairidh an taisbeanadh mu 30 mionaidean le dual-cheòl is òrain Albannach is Èireannach.

Thèid seo a chlàradh ro làimh aig astar le compàirtichean bho air feadh iomairt nam Fèis, a bharrachd air luchd-cluiche òg à Èirinn agus à Ceap Breatainn, agus thèid a shruthadh mar phàirt de dh’Fhèis Bhlas na bliadhna-sa san t-Samhain.

Thuirt Art MacCarmaig aig Fèisean nan Gàidheal: “A bharrachd air ar coimisean àbhaisteach bliadhnail, tha sinn air ar dòigh gu bheil an cothrom againn luchd-ciùil òg à Alba, Èirinn agus Ceap Breatainn a thoirt còmhla, aig astar, agus aig an aon àm consnadh a thoirt do luchd-ciùil a th’ air a bhith fulang dhuilgheadasan sna bliadhna gu leth a chaidh seachad.  Tha àite sonraichte aig Calum Cille ann an dualchas nan dùthchannan Ceilteach agus tha sinn gu mòr airson ‘s gun tèid sin aithneachadh tron choimisean ùr seo.”

Thuirt Daibhidh Boag bho Bhòrd na Gàidhlig: “Tha sinn a’ cur fàilte air a’ phròiseact seo mar phàirt de bhliadhna Colmcille 1500 agus na cothroman a bhios ann do chom-pàirtichean a thighinn còmhla, Gàidhlig a chleachdadh agus cultar nan Gàidheal a thaisbeanadh.  Bidh seo cuideachd a’ toirt cothrom do luchd-èisteachd aig an taigh air feadh an t-saoghail Colmcille 1500 a chomharrachadh mar phàirt de Bhlas 2021.”  

Tuilleadh fiosrachadh ri fhaighinn tron cheangal seo agus feumaidh tagraidhean a bhith aig Nicola Simpson tro phost-d nicola@feisean.scot ro 5:00f Dihaoine 27 Lùnastal 2021.

Creative Scotland The Scottish Government Bòrd na Gaidhlig Highland Council Argyll & Bute Council William Grant Foundation We are a Living Wage Employer