
Tha ar café còmhraidh seachdnail do dh’òigear sam bith aois 12 – 26 a’ tilleadh am mìos seo le aoighean ùr. Seo cò bhios a’ nochdadh aig a’ Chafe an teirm seo:
29 Dàmhair: Seonaidh Mac an t-Saoir (neach-ciùil le Trail West)
5 Sàmhain: Tormod MacLeòid (cleasaiche FUNC, obair tele eile).
12 Samhain: Rona Wilkie (neach-ciùil is neach-teagasg aig Oilthigh Dhùn Èideann)
19 Samhain: Ailean ‘Òg’ Dòmhnalluch (poileas)
3 Dùbhlachd: Fiona NicGillFhinnein (nurs)
17 Dùbhlachd: Gwen Culbertson (Òraidiche air a’ chùrsa teagaisg aig Sabhal Mòr Ostaig, Preasantair is riochdaire Oideas Pod is ‘s i aon do na daoine a stèidhich SleatFugees)
Tha e ag amas air a bhith a’ togail mhisneachd dhaoine a thogail a bhith a’ bruidhinn sa Ghàidhlig – dh’fhaodte gun dean sibh caraid neo dhà ùr cuideachd. Anns a’ chiad phàirt, bidh cothrom a bhith a’ cabadaich le aoigh sònraichte mun bheatha aca. San dara phàirt, bidh cothrom a bhith a’ fuireach air Zoom agus a bhith a’ cabadaich le òigridh eile a’ Chafe.
Ma tha ceistean agaibh mun Chafe, nach cur sibh fios air karen@feisean.scot.