Foillseachadh clàraidhean ùr le Gàidheil òga airson goireas air-loidhne

Tha Fuaran, pròiseact le Fèisean nan Gàidheal a tha ag amas air brosnachadh a thoirt do dh’òigridh a bhith a’ rannsachadh dualchas an cuid choimhearsnachd, air 22 òran a bharrachd a chur ri goireas air-loidhne anns a bheil 100 òrain Gàidhlig a-nis.

Bhon a chaidh a steidheachadh ann an 2014, tha còrr is 54 òigear bho air feadh Alba air pàirt a ghabhail ann am bùitean-obrach rannsachaidh is seinn. Bhon Chèitean 2020, ghabh 18 òigear a bharrachd pàirt ann am bùitean-obrach air-loidhne, air a stiùireadh le sàr-eòlaichean òrain Ghàidhlig agus thathas a-nise air clàradh a dhèanamh de cuid de na h-òrain a rannsaich iad.

‘S iad an òigridh a chur ris a’ ghoireas am bliadhna: Alice Nic a’ Mhaoilein (An Rubha, Eilean Leòdhais), Calum Rosach (Obar Dheathain), Dòmhnall agus Peigi Barker (Am Blàr Dubh), Eòin Cuimeanach (Geàrrloch), Evie Waddell (Sruighlea), Fearghas Rothach (An Gearastan), Fionnlagh MacGillFhinnein (Lentran, faisg air Inbhir Nis), Peigi Nic a’ Phiocair (An t-Eilean Sgìtheanach), Rona NicLeòid (Drochaid a’ Bhanna), Rory MacCarmaig (Drochaid Sguideil), agus Sophie NicDhòmhnaill (Glaschu). 

Rinneadh bùitean-obrach leis an eòlaiche òrain Ghàidhlig Jo NicDhòmhnaill, Stiùiriche Tobar an Dualchais, Flòraidh Forrest, seinneadair Gàidhlig is neach-rannsaiche Gillebrìde MacIilleMhaoil, einnseanair fuaim Barry Reid agus Ellen NicDhòmhnaill, seinneadair leis na còmhlain Dàimh is Sian. A bharrachd air seo, fhuarar taic a bhith ag ionnsachadh nan òran bho Chairistìona Primrose, Mairead NicLeòid agus bho Ghillebrìde Macillemhaoil MacIlleMhaoil.

Rannsaich Fearghas Rothach òrain Chrìosdaidh. Thuirt e: “Chòrd am pròiseact seo rium gu mòr. Tha dualchas beairteach de dh’òrain spioradail againn anns a’ Ghàidhlig. Na mo bheachd-sa, tha mi air dà dheagh eisimpleirean a lorg. Tha iad a’ deàlradh solas air an t-seòrsa chreideamh a bh’ aig muinntir sgìre Loch Abair ceud is leth-cheud bliadhna air ais, an obair cudromaiche a rinn Mhgr. Ailean [MacDhòmhnailll] air feadh na Gàidhealtachd, agus na sgilean cruthachail a bha aig a’ Mhaighstir cuideachd. Tha mi fìor thoilichte gu bheil na h-òrain a faighinn ath-bheothachadh tron phròiseact seo”.

Bha bràthair is piuthar Dòmhnall agus Peigi Barker, piuthar is bràthair, a’ lorg òrain a chaidh a ghabhail le Mairead agus Donaidh MacLeòid bhon chòmhlan Na h-Òganaich. Thachair iad air dàn – Gille Gu Geingealadh – leis a’ bhàird aithnichte Murchadh MacPhàrlain nach maireann agus cha b’ urrainnear lorg fhaighinn air am fonn a bha dol ris. Bhruidhinn iad ri Mairead a bha na dlùth charaid do Mhurchadh agus thug i dhaibh a làn thaic a bhith a’ cur an fhuinn aca fhèin air an òran.  

Thuirt iad: “Thug Fuaran cothrom dhuinn a bhith a’ toirt ar cuid Ghàidhlig is sgilean rannsachaidh air adhart. Fhuair sinn taic sonraichte ann an diofar dhòighean – gu h-àraidh

còmhraidhean le Mairead na h-Òganaich far an d’ fhuair sinn eòlas ùr – is cleachdaidh sinn na sgilean ùr seo bho seo a mach”.

Thuirt Oifigear Leasachaidh Fèisean nan Gàidheal, Karen Oakley:

“Tha sinn air ar dòigh gu bheil na h-òrain as ùire a chaidh a rannsachadh le òigridh a’ phròiseict a-nise air an làrach-lìn ‘s tha fadachd oirnn gus an cluinn daoine iad. An uiridh, mar phàirt de dh’Fhèis Blas, fhuair an òigridh air blasad bheag de na h-òrain a chruinnich iad a sheinn ann an consart air-loidhne. ‘S e fìor thogail chridhe a bh’ ann a bhith a’ leughadh na bh’ aig an luchd-amharc ri ràdh mu dheidhinn. Sgrìobh mòran gun do chur na h-òran nan cuimhne air àm sònraichte nam beatha agus air daoine is àite. Tha sin cho cumhachdach ‘s tha e a’ sealltainn an togail as urrainn do phròiseact den t-seòrsa seo a thoirt do dhaoine.”

Chithear na h-òrain air fad, an-asgaidh, air làrach-lìn Fèisean nan Gàidheal (www.feisean.org/fuaran). An cois gach òrain, tha bhideo, clàradh-fuaim, fiosrachadh mun òran agus faclan na h-òrain le tionndadh Beurla. Tha cothrom cuideachd a-nise do luchd-cleachdaidh a bhith a’ lorg òrain a bhuinneas do sgìre sònraichte ann an Alba le inneal-lorgaidh ùr air an làrach.

CRÌOCH

  • Chaidh am pròiseact a mhaoineachadh le Alba Chruthachail, Bòrd na Gàidhlig, Comhairle Earra-Ghàidheal agus Bhòid, Comhairle na Gàidhealtachd, Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean agus Riaghaltas na h-Alba.
  • Chaidh clàraidhean a dhèanamh den òigridh as t-samhradh am-bliadhna a’ gabhail nan òran aig Caisteil Leòdhais ann an Steòrnabhagh, The Stables ann an Cromba, agus Ionad Nàiseanta na Pìobaireachd agus Talla Bhaile Pollokshields ann an Glaschu.

Com-pàirtichean Fuaran

  • Chuir Fionnlagh MacGillFhinnein (Lentran, faisg air Inbhir Nis) roimhe a bhith a’ rannsachadh òran nan Seumasach. Thuirt e: “Dh’ fhosgail Fuaran doras dhomh nach bhiodh mi air fhosgladh gun a’ phroiseact. Tha òrain Ghàidhlig mar iuchar do dh’eachdraidh na h-Alba agus ‘s e doigh miorbhaileach rannsachadh a’ dheanamh mu dheidhinn tachartas sònraichte, mar eiseimpleir Blàr Chuil Lodair”.
  • Thuirt Alice Nicmhaoilein (Eilean Leòdhais), a rannsaich òrain le ceangal teaghlaich le taic bho a seanmhair is seanair, Etta agus Seonaidh ‘Beag’ Macmhaoilein: Tha tòrr diofar sgrìobhadairean againn san teaghlach ach thagh mi Uilleam [MacCoinnich, Bàrd Chnoc Chùsbaig] o chionns gu robh e a’ fuireach dìreach sìos an rathad bhuainn. Cuideachd, bha mi airson amhrain a thaghadh nach cluinnear cha mhòr aig duine an-diugh. Bha e gu math cudromach dhomh dà òran a thaghadh nach eil air an gabhail tric airson briathrachas a’ bhàird a thoirt seachad.
  • Am measg na thog Calum Rosach (Obar Dheathain) agus a-nise ann an Glaschu far a bheil e ag obair dha DASG – bha òrain à Ros an Ear (A’ Mhachair Rois). Thuirt e: “S e iasgairean agus tuathanaich a bha na mo shinnsearan agus mo theaghlach ann an Ros an Ear agus, air sgàth sin, tha sùim agam ann an sgeulachdan, òrain agus seanchas co-cheangailte ris a’ chuan, iasgach agus obair fearainn. ‘S e tlachd a bh’ ann a bhith an sàs anns an iomairt seo, bha an sgioba air leth cuideachail agus brosnachail dhuinn nar rannsachaidhean fa leth. Tha mi anabarrach toilichte gun cluinnear na h-òrain air am ath-bheothachadh agus gun cluinnear na h-òrain air an dèanamh as ùire airson ginealaich Ghàidheil ùra.”
  • Thuirt Eòin Cuimeanach (Geàrrloch) a rannsaich òrain à Ros an Iar: Tha grunnan bhàird a b’ urrainn dhomh a bhith air a thaghadh. ‘S e bàrd air leth a bh’ann an Iain Camshron agus roghnaich mi sgrùdadh is rannsachadh a dhèanamh airsan leis gu bheil brìgh nan òran mu dheidhinn rudan ionadail air a bheil mi gu math eòlach is ceangal agam riutha. ‘S e proiseact air leth a bh’ann am Fuaran anns an doigh san d’thàinig mo sgilean is dòighean rannsachaidh air adhart. Chaidh agam air òrain bhreagha ionnsachadh, an eachdraidh air an cul a lorg, agus tighinn nas fhaisge air a’ bhaird. Tha mi gle thoilichte gu bheil sàr chrìoch ann leis na h-orain an-ìmpis a dhol beò.
  • Chuir Evie Waddell (Sruighlea) – a th’ air ùr cheumnachadh bho Acadamh-chiùil Rìoghail na h-Alba o chionn ghoirid – roimhphe a bhith a’ rannsachadh òrain mu chòraichean dhaoine, agus gu h-àraid an dòigh a bha ciorram is toirmeasg air a riochdachadh ann an òrain. Bha an cuspair seo cudromach dhi air sàillibh gu bheil I bodhar ann an aon chluas is tha i air cainnt-shanais a dhèanamh air òrain Ghàidhlig. Thuirt I: “Dh’ fhas mi nas fheàrr a bhith a’ cleachdadh Tobar na Dualchas is lorg mi làraich-lìn ùr mu orain Ghàidhlig! ‘S toil leam gun robh mi fhèin a’ taghadh nan oran, oir cha bhith mi a deanamh sin gu tric, is chòrd e rium gun robh ùine agam a bhith a’ coimhead orra gu dlùth is nach ann tron oilthigh a bha e. Fad mo bheatha tha mi air tuigsinn is air a ràdh cho cudromach ‘s a tha e a bhith a’ rannsachadh orain cho math ‘s a ‘s urrainn dhuinn ach ‘s e seo a’ chiad turas a tha mi a’ faireachdainn gun do rinn mi sin! Chan eil mi cho diùid a bhith a’ faighneachd airson cuideachadh bho iomadh dhaoine”.
  • Lorg Peigi Nic a’ Phiocair às an Eilean Sgitheanach le teaghlach ann an Uibhist a Tuath òrain às gach eilean. A’ bruidhinn mu “Òran Dhòmhnaill Mhogastad, thuirt I: “Tha an t-òran seo a’ toirt iomradh air Mogastad san Eilean Sgitheanach agus Baile Raghnaill ann an Uibhist a Tuath. Tha an dà àite faisg orm fhìn leis nach eil Mogastad fada bhon taigh agam agus tha teaghlach agam ann an Uibhist a Tuath faisg air Baile Raghnaill. Mar sin bha e inntinneach ionnsachadh tro òrain mun cheangail eadar an dà àite. Fhad ’s a bha Dòmhnall Mhogastad a’ fuireach ann an Uibhist a Tuath dh’fhuirich e ann an taigh ann am Baile Locha, an dearbh àite far am bi mi fhìn ’s mo theaghlach a’ fuireach nuair a bhios sinn a’ tadhal. B’ e am Bàillidh Cooper am fear a bha pàrantan Sheasaidh airson ’s gum pòsadh i, ach bha i ann an gaol le Dòmhnall Mhogastad.”
  • Rannsaich Rona NicLeòid à Drochaid a’ Bhanna òrain à Cataibh, nam measg aoir air Pàdruig Sellar, bàillidh a dh’fhuadaich na milltean de dhaoine far Cataibh. Thuirt I: “Ghlac an t-òran seo [Ho’n ceàrd dubh] m’ aire oir tha e mu dheidhinn an caractar inntinneach Pàdraig Sellar. A bharrachd air sin tha an t-òran seo ag ainmeacheadh cuid de dh’àiteachan air a bheil mi eòlach agus a tha faisg orm. Chòrd e rium a’ lorg òran as an sgìre agam fhìn – ron a phròiseact cha robh mi eòlach air gu leòr de dh’òrain ionadail. . Cuideachd, dh’ionnsaich mi ciamar a dh’fhaodadh tu rannsachadh a dhèanamh air òrain sean agus a bhith a’ lorg fiosrachadh orra agus na dòighean diofraichte airson sin a’ dhèanamh. Bidh sin glè chuideachail dhòmh anns an àm ri teachd”.
  • Thagh Rory MacCarmaig (Drochaid Sgùideil) òrain à Siorrachd Rois, gu sònraichte òrain a chaidh a dhèanamh le Aonghas Mac a’ Phì, bàrd, pìobaire is neach-ealain. Thuirt Rory: “Thòisich mi an rannsachadh agam air an eadar-lìon, a’ coimhead airson òrain Ghàidhlig bhon sgìre agam fhèin, Siorrachd Rois. Às dèidh beagan ùine, lorg mi leabhar agus clàr le Fiona NicChoinnich, an dà chuid leis an ainm ‘Òrain nan Rosach’. Às dèidh a bhith ag èisteachd ri na h-òrain is a’ leughadh na faclan is an fhiosrachadh, ràinig mi co-dhunadh gun robh ùidh shònraichte agam san obair aig Aonghas Mac a’ Phì. Bha ruideigin caran draoidheil mun sgrìobhadh aige a thug buaidh orm, agus is fìor thoil leam an ìomhaigheachd a chruthaich e. Bha e follaiseach gun robh ceangal làidir aig Aonghas ri Fiona agus, mar sin, chuir mi post-dealain thuice airson barrachd fiosrachaidh mu Aonghas. Mar a thachair, ’s e seòrsa de mheantor a bh’ann an Aonghas dhi”!
  • Rannsaich Sophie NicDhòmhnaill òrain le ceangal a Ghlaschu. Thuirt i: “Bha mi a’ miannachadh tuilleadh òrain a’ lorg à Glaschu a chionn ’s gur ann an seo a bha mi air mo thogail agus cuideachd seo far an do dh’ ionnsaich mi Gàidhlig. Ged a tha mi air iomadh òran bhon a’ Ghàidhealtachd ionnsachadh, cha do thachair mi roimhe air òrain bho Glaschu. Thàinig mi tarsainn air an òran seo às dèidh dhomh a bhith a’ bruidhinn ri Màiri Anna NicUalraig agus dh’ionnsaich mi gun robh an aon smuain aice agus thug seo orm rannsachadh a dhèanamh air a’ chuspair seo. Chòrd an t-òran seo gu mòr rium air sgàth ’s gun robh e dà-chànanach agus cho ìnntineach agus diofraichte bho rud sam bith a chuala mi roimhe”.
Creative Scotland The Scottish Government Highlands and Islands Enterprise Bòrd na Gaidhlig Highland Council Comhairle nan Eilean Siar Argyll & Bute Council We are a Living Wage Employer