Prògram ealain ùr-ghnàthach gu bhith a’ cur taic ri ath-shlànachadh cultarail agus eaconamach

Thèid prògram ioma-ealaineach adhartach a chur air bhog an-diugh a th’ air a mhaoineachadh le Riaghaltas na h-Alba agus air a cho-òrdanachadh le Fèisean nan Gàidheal, a’ toirt toiseach tòiseachaidh air ath-shlànachadh dùthchail is na h-ealain aig a chridhe. Ann an Treòir | Voar | Virr, a’ ciallachadh “stiùir” no “lùth, spionnadh”, bidh còrr is 50 luchd-ealain bho chòrr is 90 eilean sluaghmhor ann an Alba ag obair còmhla ris a’ choimhearsnachd agus an cuid sgoiltean ionadail gus ionnsachadh mu eachdraidh agus dualchas na sgìre tro na h-ealain. Bidh am program cuideachd a’ tabhainn chothroman obrach agus ath-thrèanaidh do luchd-ealain neo-cheangailte a chaill am beòshlainte air sgàth buaidh a’ Choròna-bhìorais.

Tha barrachd na 80 sgoil air feadh nan eilean air an cothrom a ghabhail a dhol an sàs ann an dian-sheiseanan ioma-ealaineach eadar an Samhain 2021 agus an t-Ògmhios 2022. Cuiridh na seiseanan seo taic ri roinnean a’ churraicealam agus iad stèidhte air cultar na h-Alba, a’ togail air cànain dhùthchasach na h-Alba, dual-chainntean, ceòl, dràma, sgeulachdan, dannsa agus ealain lèirsinneach, agus a’ toirt seachad teisteanas trèanaidh do leas-oidean aig an aon àm tro Colaiste na Gàidhealtachd an Iar, Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean.

Ged a bhios Fèisean nan Gàidheal a’ cur taic ri cultar na Gàidhlig na chuid obrach làitheil, bidh am prògram seo ag amas air taic a chumail ri cainnt ionadail a leithid Beurla Ghallta Arcach agus Dual-chainnt Shealtainneach. Is iad eòlas air cànain chaillte agus sgeulachdan ionadail dà phrìomh amas a’ phròiseict seo air feadh choimhearsnachdan sgoile ar n-eileanan. Bidh sinn cuideachd a’ brosnachadh ionnsachadh mun eòlas agus eachdraidh a th’ againn ann an cumantas eadar sgìrean, a leithid Clann-nighean an Sgadain (na h-Eileanan an Iar agus Sealtainn).

Is e iomairt a th’ againn mar tha aig Fèisean nan Gàidheal th’ ann am Beairteas, ag amas air beairteas cainnt a neartachadh a tha ann an cunnart a dhol à bith am measg a’ ghinealaich as òige. Mar a ghlèidh Raibeart MacPhàrlain seann fhaclan anns an leabhar aige air a bheil The Lost Words, agus mar a tha Spell Songs air am fighe mun cuairt air na faclan luachmhor sin, tha Treòir airson leudachadh air a’ chuspair seo le bhith a’ glèidheadh seann chleachdaidhean, sgeulachdan, briathrachas, gnàthasan-cainnte agus ealainean agus a’ brosnachadh freagairt nuadh orra aig an aon àm.

Bidh seo a’ fighe a-steach do 2022, a chaidh ainmeachadh mar Bhliadhna nan Sgeulachdan ann an Alba, bliadhna anns an tèid sgeulachdan a tha air am brosnachadh, air an cruthachadh no air an sgrìobhadh ann an Alba a chomharrachadh agus a thaisbeanadh. Thathar an dùil, air an t-slighe ath-shlànachaidh, gun dèan innse agus èisteachd sgeulachdan tro mheadhan ealainean eadar-dhealaichte ceangal làidir eadar a’ chloinn agus an cuid choimhearsnachdan. Tha meas air sgeulachdan nàdarra do mhic an duine air fad – tha sgeulachdan air leth cudromach do gach sgìre de dh’Alba agus tha sgeulachdan aig a h-uile coimhearsnachd ri innse.

Luchdaich sìos am fios naidheachd an seo.

Creative Scotland The Scottish Government Bòrd na Gaidhlig Highland Council Argyll & Bute Council William Grant Foundation We are a Living Wage Employer