Chaidh film de dhealbh-chluich Nollaig ùr a thaisbeanadh airson a’ chiad uair an t-seachdain sa chaidh (Diardaoin 9 Dùbhlachd) aig bun-sgoiltean agus àrd-sgoiltean le roinnean Gàidhlig air feadh na dùthcha. Thèid a shruthadh beò air duilleag Facebook Fhèisean nan Gàidheal Diardaoin sa tighinn air 16 Dùbhlachd aig 7f.
Chaidh Ùisdean agus am Fìdhlear Seunta a sgrìobhadh agus a stiùireadh le Aonghas MacLeòid, Oifigear Dràma Fhèisean nan Gàidheal. Thuirt Aonghas: “Bha sinn an dòchas gum faigheamaid cothrom tadhal air sgoiltean leis a’ phanto ach chaidh co-dhùnadh a dhèanamh film eile a chruthachadh agus tha sinn ga thabhainn air-loidhne a-rithist mar a rinn sinn an-uiridh. Chaidh fhilmeadh aig Ionad Coimhearsnachd Inbhir Narainn agus bha e math cothrom a ghabhail blasad beag den bhaile a thaisbeanadh mar phàirt den fhilm.”
“Air sgath ’s gun robh barrachd shaorsa againn san t-Samhain an taca ris an aon àm an-uiridh b’ urrainnear cothrom a thoirt do chlann òga pàirt a ghabhail san fhilm agus chìthear seachdnar chloinne bho Fhèis Inbhir Narainn a’ nochdadh ann. Fhuair sgoilearan ann an clas a sia aig Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis cothrom pàirt a ghabhail san fhilm cuideachd agus cluinnear na guthan-seinn aca ann an dà òran san fhilm.”
Tha sgioba de cheathrar chleasaichean san fhilm. ’S i Ceitidh NicPhàrlain à Àrd-Ruigh a tha a’ cluich a’ phrìomh phàirt, Ùisdean, agus thèid a guth-seinn a thaisbeanadh san fhilm. ’S i Raonaid Cheanadach à Eilean Leòdhais a tha cluich an rìgh spìocach agus tha Magaidh Ros, às an Eilean Sgitheanach, a’ nochdadh mar sheanmhair Ùisdein. Tha Pablo Lafuente à Àrd-Ruigh a’ cluich Fernando, am fìdhlear seunta. ’S e neach-ciùil proifeiseanta a th’ ann am Pablo is cluinnear na sgilean ciùil draoidheil aige air an fhìdheall tron fhilm air fad.
Thuirt Aonghas, “’S e seo an còigeamh film a lìbhrig sinn tron t-seiribheis dràma againn o thòisich a’ chiad ghlasadh is ged a b’ fheàrr leinn cothrom fhaighinn tadhal air sgoiltean le dealbhan-cluiche mar a b’ àbhaist tha e na mhisneachd gu bheil an cothrom ann seirbheis mar seo a thabhainn fhathast a dh’aindheoin na bacaidhean aig an àm seo den bhliadhna.”
Thuirt Eilidh NicCoinnich, Manaidsear Fèisgoil: “Tha torr a’ dèanamh fiughair mhòr ri panto Gàidhlig Fhèisean nan Gàidheal fhaicinn ann am mìosachan Fèisgoil. Leis a’ mhì-chinnt a th’ ann a thaobh a bhith a’ tadhal air sgoiltean bha sinn gu math toilichte cothrom-obrach a thoirt do dh’fhilmeadairean, cleasaichean le Gàidhlig agus luchd-ciùil turas eile. Tha sinn fada an comain ar luchd-maoineachaidh gu bheil iad a’ gabhail ris an dòigh-obrach shùbailte seo agus tha sinn an dòchas gum faigh clann, an luchd-teagaisg agus an teaghlaichean tlachd às an sgeul spòrsail mu Ùisdean agus a charaidean.”
Chaidh am filmeadh agus an obair-deasachaidh a dhèanamh le sgioba de luchd-camara proifeisenta, Graeme Roger bho Wildbird agus Mike Webster bho Spiral Out Pictures.
’S e seo an treas bliadhna deug a tha Fèisean nan Gaidheal air dealbh-chluich Nollaig a riochdachadh tron t-seirbheis foghlaim Fèisgoil le taic bho Bhòrd na Gàidhlig, Alba Chruthachail agus Iomairt na Gàidhealtachd ’s nan Eilean.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mun dealbh-chluich Nollaig, cuiribh brath gu Manaidsear Fèisgoil Eilidh NicCoinnich aig eilidh@feisean.scot no Oifigear Dràma Aonghas MacLeòid aig angus@feisean.scot. Gus am film fhaicinn air Facebook, nach tadhail sibh air www.facebook.com/feisean/live air 16 Dùbhlachd aig 7f.
Lorgar tuilleadh fiosrachaidh mun phròiseact aig www.feisean.org/pantomime


