Leasanan Ciùil gam foillseachadh ann an Seachdain na Gàidhlig

Chaidh Oide, an t-seirbheis ionnsachaidh air loidhne aig Fèisean nan Gàidheal, a leudachadh ann an Seachdain na Gàidhlig le leasanan ri fhaighinn an-asgaidh gu deireadh a’ mhìos.  

Fo bhratach FèisTV, le maoin bho Bhòrd na Gàidhlig, Alba Chruthachail, HIE agus Riaghaltas na h-Alba, chaidh 26 sreathan ùr de leasanan ciùil a chruthachadh aig diofar ìrean le taghadh an gabhail sa Ghàidhlig no sa Bheurla. 

Gheibhear barrachd leasanan a-nise air a’ bhogsa-ciùil, air an fhidheall, a’ chlàrsaich agus seinn sa Ghàidhlig.  A bharrachd orra sin tha leasanan fìdeig, dannsa-ceum agus giotàr ri fhaighinn.

Tha luchd-teagaisg aithnichte a’ lìbhrigeadh nan leasanan, nam measg Aonghas MacCoinnich, Deirdre Ghreumach, Chloë Bryce, Grant MacPhàrlain, Ron Jappy, Rachel Hair, Calum McIlroy agus Ainsley Hamill.

Thuirt Ceannard Fèisean nan Gàidheal, Art MacCarmaig: “Tro ghlasaidhean a’ chòrona-bhìorais bha an t-seirbheis Oide ga thabhann an-asgaidh fhad ‘s a bha daoine gan cumail fhèin sàbhailte aig an taigh agus a’ sireadh ghnìomhan a chumas a’ dol iad.  Ann an oidhirp an t-seirbheis a leudachadh agus cosnadh a thoirt do luchd-ciùil, chaidh sreathan ùra a chruthachadh agus tha sinn toilichte am foillseachadh ann an Seachdan na Gàidhlig.”

Chaidh na bhideothan beò air làrach-lìn Oide air Latha Fèise, far an robh cuid de na h-oidean a bha an sàs a’ toirt seachad leasanan do dh’òigridh air loidhne, mar pàirt de thachartasan Fèisean nan Gàidheal airson Seachdain na Gàidhlig.

Le barrachd air 270 bhideo ann a-nise, aig ìrean-teagaisg eadar-dhealaichte, bidh goireas fìor mhath ann don a h-uile duine a tha airson nan cuspairean sin ionnsachadh.  Bidh Fèisean nan Gàidheal a’ cur ris an stòras gu cunbhalach.

Gheibhear na leasanan Oide air-loidhne aig tv.feisean.org.

Creative Scotland The Scottish Government Highlands and Islands Enterprise Bòrd na Gaidhlig Highland Council Comhairle nan Eilean Siar Argyll & Bute Council We are a Living Wage Employer