Duais £500 air ainmeachadh ann an Seachdain na Gàidhlig

Tha cothrom aig oileanaich tagradh a dhèanamh airson duais £500 ann an co-fharpais a tha ag amas air a h-uile meur is taobh de chultur na Gàidhlig, cho math ri foghlam ann an Gàidhlig, agus tron Ghàidhlig, a bhrosnachadh.

Tha Urras Dhòmhnaill Iain a’ tabhann duais bhliadhnail mar chuimhneachan air an obair ionmholta a rinneadh le Dòmhnall Iain MacAoidh às leth na Gàidhlig agus leasachaidhean gnìomhachais air feadh na Gàidhealtachd agus nan Eilean.  Thèid an duais a lìbhrigeadh le Fèisean nan Gàidheal às leth an urrais agus chaidh cothrom 2022 fhoillseachadh ann an Seachdain na Gàidhlig le 15mh Cèitean na cheann-latha airson tagraidhean.

Thuirt Donna Shiosalach bho Urras Dhòmhnaill Iain: “Thathar a’ brosnachadh beachdan cruthachail air mar a ghabhadh tagradh a dhèanamh a fhreagras air aonan, no barrachd, de dh’amasan farsaing an urrais.  Dh’fhaodar tagradh a dhèanamh airson leudachadh a thoirt air obair a tha a’ dol air adhart mar tha, ma dh’fhaodte co-cheangailte ri cùrsa, no dh’fhaodar obair gu tur ùr a mholadh.  Chan eilear an dùil idir gum bi tagraichean a’ freagairt air gach amas.  Tha an tagradh cho sìmplidh ‘s a ghabhas, le dìreach beagan cheistean ri fhreagairt, agus bhithemaid an dòchas gun cuidicheadh an duais le ionnsachadh an tagraiche soirbheachail.”

Tha an fharpais fosgailte do dh’oileanach sam bith ann an Alba ann am foghlam, pàirt-ùine no làn-ùine, aig ìre adhartach no àrd, no a tha ag obair a dh’ionnsaigh ceum dotaireachd.  Thèid measadh a dhèanamh le panal a’ gabhail a-staigh riochdaire bho theaghlach Dhòmhnaill Iain, co-dhiù aon urrasair, riochdaire bho Fèisean nan Gàidheal agus suas ri dithis eile le cuireadh bhon urras. 

Thèid am pròiseact soirbheachail fhoillseachadh air làrach-lìn Fèisean nan Gàidheal le lethbhreac de dh’obair sam bith air a cruthachadh leis an duais a chumail leis a’ bhuidhinn cho math ri leabhar-lann an t-Sabhail Mhòir airson rannsachaidh.  Dh’fhaodadh na h-urrasairean beachdachadh air tuilleadh leasachaidh air obair a thèid a chruthachadh.  Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh, stiùireadh agus foirm-iarrtais aig www.feisean.org/udim/.

Creative Scotland The Scottish Government Highlands and Islands Enterprise Bòrd na Gaidhlig Highland Council Comhairle nan Eilean Siar Argyll & Bute Council We are a Living Wage Employer