Cuiridh Fèisean air feadh na dùthcha fàilte air tachartasan aghaidh ri aghaidh tro shaor-làithean na Càisge an dèidh dà bhliadhna às an aonais ri linn covid. Thèid grunn thachartasan oideachaidh fad seachdain, bùithtean-obrach agus cuirmean a chumail aig àm saor-làithean nan sgoiltean, a’ cur fàilte air na ceudan de dhaoine òga a th’ air bhioran. Gheibh iad cothroman ceòl traidiseanta, dràma, òrain Ghàidhlig agus ealain ionnsachadh bho luchd-teagaisg a tha air leth sgileil. Thèid na tachartasan a chur air dòigh le comataidhean a th’ air an stiùireadh le saor-thoilich.
Ghabh na Fèisean ri teicneòlas ùr didseatach tron ghalair agus chùm iad orra a’ lìbhrigeadh phrògraman teagaisg farsaing le leasanan agus bùithtean-obrach cunbhalach air loidhne. Bha seo a’ ciallachadh gu robh cothrom ann do chom-pàirtichean cumail a’ dol leis na bha iad ag ionnsachadh agus a’ toirt seachad cothroman cosnaidh do luchd-oideachaidh a chaill teachd a-steach eile. Tha seo air a bhith na cheum math do na Fèisean, le mòran sgilean a bharrachd air an togail le comataidhean, oidean agus an òigridh a fhuair na cothroman.
Leis nach eil uidhir de bhacaidhean ann a-nis, tha cothrom aig Fèisean tilleadh gu tachartasan aghaidh ri aghaidh agus tha comataidhean, oidean agus com-pàirtichean a’ cur fàilte bhlàth air seo.
Thuirt Calum Ailig Mac a’ Mhaoilein, Manaidsear Leasachaidh Fèisean nan Gàidheal:
“Le maoin bho Alba Chruthachail, HIE, Bòrd na Gàidhlig, Comhairle na Gàidhealtachd agus Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid, tha Fèisean nan Gàidheal air leth toilichte taic a chumail ris na Fèisean agus iad a’ tilleadh gu tachartasan aghaidh ri aghaidh thairis air saor-làithean na Càisge. Tha covid air adhbharachadh uimhir de thachartasan a chur dheth agus ’s e ar daoine òga a tha air cothroman a chall. Ged a tha prìomhachas nam Fèisean air oideachadh anns na h-ealain Gàidhlig, tha iad a’ toirt seachad tòrr a bharrachd air sin. Tha cothroman aig daoine òga agus na coimhearsnachdan aca a thighinn còmhla gus ionnsachadh, conaltradh, sgilean agus eòlas air an cuid cultar a leasachadh a bharrachd air taic a thoirt don eaconamaidh ionadail. Tha e na thlachd a bhith a’ faicinn cho dìorrasach ’s a tha comataidhean nam Fèisean agus tha sinn a’ guidhe gach soirbheas dhaibh leis na tachartasan a tha ri thighinn.”
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu thachartasan nam Fèisean seallaibh air www.feisean.org no facebook.com/feisean.