Bruidhinn rium – Talk to me

Iomart ùr sàbhailteachd aig Fèisean nan Gàidheal

’S i iomairt ùr Fèisean nan Gàidheal a th’ ann am Bruidhinn rium – Talk to me le dùil gum bi neach (no dithis) ainmichte aig a h-uile Fèis no tachartas a tha ann airson bruidhinn ris an òigridh agus airson a dhèanamh cinnteach gu bheil iad a’ faireachdainn cofhurtail agus toilichte.

Gheibh a h-uile Fèis pasgan bho Fhèisean nan Gàidheal le braistean agus postairean Bruidhinn rium – Talk to me.  Bu chòir don Fhèis daoine a thaghadh ro gach Fèis a bhith nan neach/luchd ceangail.  Dh’fhaodadh gur e Oifigear Dìonaidh (roimhe Dìon Chloinne) na Fèise a bhios annta, no cuideigin eile air a’ chomataidh le eòlas air poileasaidhean dìonaidh agus eile aig Fèisean nan Gàidheal.

Gheibh a h-uile Fèis lethbhreac den Safe Space Policy ùr aig Fèisean nan Gàidheal cuideachd agus tha sinn an dùil gum bi cothrom aig a h-uile duine a tha an sàs le bhith a’ cur Fèisean air dòigh a leughadh agus a leantainn. 

Aig tòiseach gach tachartas Fèise, bu chòir don chomataidh innse don a h-uile duine a tha an làthair (clann agus inbhich) cò th’ ann an neach/luchd ceangail an latha.  Bu chòir braiste Bruidhinn rium – Talk to me a bhith air neach ceangail fad an latha gus am bi fios aig a h-uile duine cò iad. 

Bu chòir postair Bruidhinn rium – Talk to me a bhith anns gach seòmar aig an Fhèis airson fios a bhith aig a h-uile pàiste cò dhà a bu chòir dhaibh bruidhinn ma tha iad draghail mu charaid, ma chì iad rudeigin neo-àbhaisteach no ma tha iad a’ faireachdainn mì-chofhurtail aig àm sam bith.

Tha sinn an dòchas gum bidh an iomairt seo a’ cur ris an obair a tha a h-uile Fèis a’ dèanamh mar-thà airson gach tachartas a chumail sàbhailte, cofhurtail agus càirdeil.  

Ma tha tuilleadh fiosrachaidh, no stiùir, a dhìth air duine sam bith, cuiribh fios don Oifigear Leasachaidh a bhios a’ frithealadh ur Fèis.

Creative Scotland The Scottish Government Bòrd na Gaidhlig Highland Council Argyll & Bute Council William Grant Foundation We are a Living Wage Employer