Tha Fèisean nan Gàidheal a’ tabhainn chùrsaichean Gàidhlig saor an-asgaidh air loidhne tro 2022 le Richard Mac a’ Ghobhainn airson oidean agus luchd-taic nam Fèisean.
Bidh na cùrsaichean seo a’ tachairt air Zoom agus bidh ceithir seiseanan seachdaineil thairis air mìos. Tha na seiseanan seo fosgailte do dhuine sam bith a tha ag obair le Fèisean agus chan fheum Gàidhlig sam bith a bhith agaibh ro làimh.
Ma tha ùidh agaibh agus gu bheil sibh airson barrachd Gàidhlig a chleachdadh aig na Fèisean, bidh fàilte bhlàth oirbh!
Tha an-ath chùrsa a’ tòiseachadh air an 6mh latha den t-Ògmhios aig 5:30f agus bidh iad a’ ruith gach Diluain às dèidh sin tron Ògmhios. Bidh na cùrsaichean eile a’ tachairt san t-Sultain agus san Dùbhlachd.
https://www.eventbrite.co.uk/x/treanadh-gaidhlig-gaelic-training-tickets-342648349437
