Fèis Arainn 2022

Tha comataidh Fèis Arainn gu math toilichte gu bheil tachartas àbhaisteach, aghaidh ri aghaidh, gu bhith aca eadar an 26mh agus an 29mh an t-Iuchar aig Àrd-sgoil Arainn. Thairis air ceithir làithean, gheibh com-pàirtichean cothrom sgilean ùr ionnsachadh le ceòl, seinn, dràma, ealain agus iomain nam measg. Gheibh a h-uile com-pàirtiche cothrom barrachd Gàidhlig ionnsachadh cuideachd.

Bidh fàilte bhlàth a’ feitheamh air luchd-ionnsachaidh nach eil air a bhith ann roimhe idir agus cuideachd air òigridh a tha air a bhith aig an Fhèis tric. Bidh rudeigin ann airson a h-uile duine, bho luchd-tòiseachaidh suas gu luchd-ionnsachaidh a tha gu math comasach. Chan fheum eòlas a bhith aig com-pàirtichean air mar a leughas iad ceòl agus chan fheum eòlas a bhith aca air ceòl traidiseanta nas motha airson pàirt a ghabhail.

Gheibh com-pàirtichean cothrom trì cuspairean a thaghadh nuair a tha iad a’ clàradh airson na Fèise agus aonan a bharrachd air eagal ’s gu bheil na clasaichean eile làn mar-thà. Anns a’ chiad chlas aca bidh com-pàirtichean ag ullachadh pìos airson consairt aig deireadh na seachdain, is bidh iad anns a’ chiad chlas dà thuras san latha. Nì a’ chomataidh an dicheall an ciad taghadh a thoirt don a h-uile duine.

Am-bliadhna, tha Fèis Arainn cuideachd a’ tabhainn sheiseanan do dheugairean. Gheibh iad an cothrom clasaichean ciùil, obair buidhne agus filmeadh a dheanamh.

Tha Fèis Arainn càirdeil agus spòrsail. Tha iad an dòchas gum bidh com-pàirtichean a’ leasachadh nan sgilean aca, a’ fàs nas misneachaile agus ag ionnsachadh mu chànan agus cultar na Gàidhlig. Tha na h-oidean uile tàlantach agus proifeiseanta le eòlas farsaing air obair le òigridh. Tha a’ chomataidh agus luchd-taic na Fèise a’ deanamh cinnteach gu bheil a h-uile rud a’ dol gu math agus tha iad an còmhnaidh a’ leantainn riaghailtean agus poileasaidhean dìon chloinne.

A’ teagasg aig Fèis na bliadhna-sa bidh John Somerville (bogsa-ciùil), Becky Hill (clàrsach), Artair Donald (dràma agus Gàidhlig), Stevie Fyvie (drumaireachd), Arannach Gillian Frame (fìdheall), Deirdre Ghreumach agus Eilidh NicCarmaig (seinn), Calum MacIlroy (giotàr), Ross Miller (pìobaireachd), Bobby Crowe (iomain), Angus Binnie (fìdeag) agus Heather NicLeòid (Ealain Cheilteach).

Latha mu dheireadh airson iarrtasan – Dihaoine 10mh dhen Ògmhios.

Creative Scotland The Scottish Government Highlands and Islands Enterprise Bòrd na Gaidhlig Highland Council Comhairle nan Eilean Siar Argyll & Bute Council We are a Living Wage Employer