Tha comataidh Fèis Phàislig air an dòigh glan gu bheil tachartas aghaidh ri aghaidh gu bhith aca a-rithist am-bliadhna an dèidh dà bhliadhna far nach robh Fèis àbhaisteach a’ dol air sgàth Corònabhìoras. Ged a rinn Fèis Phàislig oidhirp fìor mhath tachartasan a chumail a’ dol tron glasadh-sluaigh le Fèis agus clasaichean seachdaineil air loidhne, tha iad a’ dèanamh fiughair a bhith air ais còmhla airson seachdain na Fèise, aig Àrd-sgoil Gleniffer ann am Pàislig eadar an 19mh agus 22mh an t-Iuchar.
Thuirt Grant MacFarlane, co-òrdanaiche Fèis Phàislig, “Tha sinne aig Fèis Phàislig air ar dòigh a bhith air ais an cuideachd càch a chèile airson an Fhèis ann an 2022. Ged a bha tachartasan air loidhne soirbheachail againn bidh e fìor mhath a h-uile duine fhaicinn a-rithist agus a bhith a’ seinn còmhla”.
’S e ceithir làithean de bhùithtean-obrach ciùil airson luchd-tòisichidh 8-18 bliadhnaichean a dh’aois a th’ anns an Fhèis agus gheibh com-pàirtichean cothroman ceòl traidiseanta, dràma, òrain Ghàidhlig agus ealain ionnsachadh bho luchd-teagaisg a tha air leth tàlantach. Bidh clasaichean anns na cuspairean a leanas; bogsa-ciùil, ealain, feadan agus pìobaireachd, clàrsach, dannsa, dràma, drumaireachd, fidheall, filmeadh, giotàr, seinn agus feadan. Am measg na bhios a’ teagasg am-bliadhna bidh Josie Duncan, Steve Fyvie, Becky Hill agus Joe Peach.

Tha an Fhèis a’ cosg £85 do chom-pàirtichean (le lèine-t) agus gheibhear lùghdachadh prìse airson gach neach a bharrachd bhon aon theaghlach. Tha àiteachan saor an-asgaidh cuideachd ri fhaighinn do chlann a bhios a’ faotainn biadh sgoile saor an-asgaidh (P6/P7 a mhàin) no tabhartas airson aodach sgoile.
Airson barrachd fiosrachaidh no àite a ghlèidheach, rachaibh gu: