Tha Sgoil-Shamhraidh Dràma Fhèisean nan Gàidheal air tilleadh ‘s a’ tabhann cothrom do dhaoine òga tighinn cruinn còmhla a-rithist. An dèidh dà bhliadhna far an robh tachartasan air loidhne a-mhàin, bidh an tachartas-còmhnaidh a’ gabhail àite ann am Port Rìgh eadar Diluain agus Dihaoine 8 Iuchar, is tha i fosgailte do dh’ òigridh aig aois na h-àrd-sgoile a tha fileanta sa Ghàidhlig.
Le taic bho Bhòrd na Gàidhlig agus Alba Chruthachail, ‘s i Màiri NicIlleMhoire Stiùiriche Ealain na Sgoile, le taic bho Raonaid Cheanadach. Buinidh an dithis aca do dh’Eilean Leòdhais agus tha mòran bhliadhnaichean de dh’eòlas air obair-dràma le òigridh eatorra. Bidh fòcas na Sgoile am bliadhna-sa stèidhte air beul-aithris, a tha ga ceangal ri Bliadhna nan Sgeul.
‘S e Aonghas MacLeòid, Oifigear Dràma Fhèisean nan Gàidheal a tha ga co-òrdanachadh. “O chaidh an Sgoil a chur air bhonn ann an 2008 tha òigridh eadar 12 agus 17 bliadhna a dh’aois bho air feadh Alba air cothrom fhaighinn tighinn a Phort Rìgh is eòlas a chur air sgilean dràma a a bhios feumail airson an àrd-ùrlair agus air beulaibh a’ chamara. Le sgioba de luchd-teagaisg ‘s luchd-aire a tha fileanta sa Ghàidhlig ‘s e fìor dheagh chothrom a th’ ann do chompàirtichean cur ris na sgilean cànain aca.”
Thuirt Shona NicIllinnein, Ceannard, Bòrd na Gàidhlig: “Tha sinn cho toilichte taic a chumail ris a’ phròiseact seo a tha cho cudromach do dh’òigridh. Tha e a’ tabhann cothrom dhaibh an cuid Gàidhlig a chleachdadh taobh a-muigh na sgoile agus cuideachd a’ cur ri amasan a’ Phlana Nàiseanta gus Gàidhlig àbhaisteachadh. A bharrachd air a sin, tha e a’ cur ri sunnd dhaoine agus tha sinn an dòchas gun còrd an Sgoil-Shamhraidh riutha.”
Gus tuilleadh fiosrachaidh fhaighinn no gus àite a ghlèidheadh theirgibh gu làrach-lìn Fhèisean nan Gàidheal feisean.org/ssd/no cuiribh fios air Oifigear Dràma Aonghas MacLeòid angus@feisean.scot ron cheann-latha son iarrtasan, Diluain 20 Ògmhios.
Tha an Sgoil-shamhraidh Dràma riochdaichte le Fèisean nan Gàidheal le maoineachadh bho Bhòrd na Gàidhlig agus Alba Chruthachail.
