Obair nam Fèisean air ùr thòiseachadh 

Ged a chaidh an tachartas a chur dheth aig àm na Càisg ri linn Covid, tha 5 Latha a’ dol air adhart air an t-seachdain seo anns Na Geàrrannan, Eilean Leòdhais, airson a’ chiad uiar bho 2019, le com-pàirtichean an sàs ann an taghadh farsaing de ghnìomhan uile air an lìbhrigeadh tro mheadhan na Gàidhlig.

A bharrachd air clasaichean ciùil bho Iain MacMhaighstir agus Ellen NicDhòmhnaill, bidh an òigridh an sàs ann an obair sa choimhearsnachd eadar croitearachd, fiadh-bheatha, obair a’ Chlò Hearaich agus cocaireachd, le daoine anns a’ choimhearsnachd a’ lìbhrigeadh sheiseanan dhaibh.  Tha a h-uile càil ag amas air cleachdadh na Gàidhlig a bhrosnachadh agus cainnt a bheartachadh.

Thuirt Manaidsear Leasachaidh Fèisean nan Gàidheal, Calum Ailig Macmhaoilein, “Tha e cho math a bhith air ais anns Na Geàrrannan airson 5 Latha. Tha sinn air ar dòigh gu bheil buidheann mòr de dh’òigridh air roghainn a dhèanamh pàirt a ghabhail san tachartas agus gu mòr an comain Bòrd na Gàidhlig airson taic-airgid an tachartas a chur air dòigh.  Tha sinn cuideachd taingeil do mhuinntir na coimhearsnachd ann an Càrlabhagh airson fàilte a chur oirnn a-rithist agus airson gach taic a tha iad a’ toirt dhuinn.”

Thèid cèilidh coimhearsnachd 5 latha a chumail ann an Ionad Ghrinneabhat Diardaoin 7mh Iuchar, le òrain is puirt bho chom-pàirtichean, luchd-teagaisg is luchd-stiùiridh.

‘S e àm trang a th’ ann do dh’Fhèisean nan Gàidheal agus Fèisean air feadh na dùthcha a’ tòiseachadh a-rithist aghaidh ri aghaidh tro shaor-làithean an t-samhraidh an dèidh dà bhliadhna às an aonais.  Bidh cothroman ionnsachaidh aig na ceudan de dhaoine òga ann an ceòl traidiseanta, dràma, òrain Ghàidhlig, dannsa agus ealain bho luchd-teagaisg a tha air leth sgileil. 

Ghabh na Fèisean ri teicneòlas ùr didseatach tron ghalair agus chùm iad orra a’ lìbhrigeadh phrògraman teagaisg farsaing a’ ciallachadh gu robh cothroman ionnsachaidh aig com-pàirtichean cho math ri cothroman cosnaidh aig luchd-oideachaidh.  Tha cothrom aig Fèisean tilleadh gu tachartasan aghaidh ri aghaidh agus tha comataidhean, oidean agus com-pàirtichean a’ cur fàilte bhlàth air seo. 

Thuirt Art MacCarmaig, Ceannard Fèisean nan Gàidheal: “Le maoin bho Alba Chruthachail, Bòrd na Gàidhlig, Comhairle na Gàidhealtachd agus Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid, tha Fèisean nan Gàidheal air leth toilichte taic a chumail ris na Fèisean a tilleadh gu tachartasan aghaidh ri aghaidh.  Tha sinn daonnan airson taic a chumail ris na comataidhean airson lìbhrigeadh Fhèisean a dhèanamh nas fhasa dhaibh, ach tha dìorrasachd nan comataidhean an còmhaidh brosnachail.  Tha sinn a’ guidhe gach soirbheas dhaibh leis na tachartasan a tha ri thighinn a bheireadh cothrom do dh’òigridh eòlas a chur air an dualchas agus cothroman obrach a chruthachadh do luchd-ealain.”

A bharrachd air 5 Latha agus na Fèisean, tha Fèis Alba a’ dol air adhart aig Sgoil Chiùil na Gàidhealtachd anns a’ Phloc, seachdain trèanaidh do luchd-ciùil òga air thoiseach orra ceòl a chluich air feadh nan coimhearsnachd aca fhèin anns na Cèilidhean air Chuairt a bhios a’ tòiseachadh an ath sheachdain.

Tha Sgoil Shamhraidh Dràma Fhèisean nan Gàidheal cuideachd a’ dol air adhart ann am Port Rìgh an t-seachdain-sa, le òigridh bho air feadh Alba a’ gabhail pàirt. 

Le taic bho Bhòrd na Gàidhlig agus Alba Chruthachail, ’s i Màiri NicIlleMhoire Stiùiriche Ealain na sgoile, le taic bho Raonaid Cheanadach.  Buinidh an dithis aca do dh’Eilean Leòdhais agus tha mòran bhliadhnaichean de dh’eòlas air obair dràma le òigridh eatorra.  

Thuirt Shona NicIllinnein, Ceannard Bòrd na Gàidhlig: “Tha sinn cho toilichte taic a chumail ris a’ phròiseict seo a tha cho cudromach do dh’òigridh. Tha e a’ tabhann cothrom dhaibh an cuid Gàidhlig a chleachdadh taobh a-muigh na sgoile agus cuideachd a’ cur ri amasan a’ Phlana Nàiseanta gus Gàidhlig àbhaisteachadh.  A bharrachd air a sin, tha e a’ cur ri sunnd dhaoine agus tha sinn an dòchas gun còrd an Sgoil Shamhraidh riutha.”

Airson tuilleadh fiosrachaidh mu thachartasan nam Fèisean seallaibh air www.feisean.org no facebook.com/feisean.

Creative Scotland The Scottish Government Highlands and Islands Enterprise Bòrd na Gaidhlig Highland Council Comhairle nan Eilean Siar Argyll & Bute Council We are a Living Wage Employer