Làithean-trèanaidh ICO|YMI a’ tilleadh san Lùnastal

Bidh Iomairt Chiùil na h-Òigridh a’ comharrachadh 20 bliadhna bho thòisich i am-bliadhna, agus Fèisean nan Gàidheal air a bhith ga chur air dòigh air feadh na Gàidhealtachd bhon uair sin le cuideam air ceòl traidiseanta na sgìre, an toiseach ann an com-pàirteachas le Comhairle na Gàidhealtachd agus a-nis le High Life Highland.

Tha an iomairt air a’ Ghàidhealtachd air a bhith gu math soirbheachail thar nam bliadhnaichean ann a bhith a’ brosnachadh clann na sgìre gus feuchainn air ionnsramaidean traidiseanta, agus a’ cleachdadh ceòl dùthchasach na Gàidhealtachd gus buille, ruitheam agus bunasan ciùil a theagasg dhaibh ann dòigh ghnìomhach, spòrsail. Bidh na seiseanan ag amas air trì prìomh roinnean; fìdeag, òrain (gu h-àraidh òrain Ghàidhlig) agus cluich còmhla. Gheibh gach sgoilear ann an Clas 5 an cothrom seo gach bliadhna, agus chaidh 2104 seiseanan a lìbhrigeadh do 4188 sgoilearan ann an 169 sgoiltean an-uiridh.

Bha 35 oidean air leth an sàs ann an 2021-22 agus airson na bliadhna a tha romhainn, tha sinn airson an sgioba fhàs agus a leasachadh. Leis a sin, thèid dà latha-trèanaidh a chumail air a’ Ghàidhealtachd anns an Lùnastal eadar 10m agus 1f air na làithean a leanas:

  • Diardaoin, 11 An Lùnastal – Skye Bridge Studios, Caol Loch Aillse
  • Dihaoine, 12 An Lùnastal – Acadamaidh Bhaile Theàrlaich, Inbhir Nis

Thuirt Eilidh NicCarmaig, Rianaire Fèisgoil: “Tha mi fhìn agus Eilidh NicCoinnich air bhioran tighinn cruinn còmhla as t-samhradh leis an sgioba nan oidean gus taic a chur riutha ann a bhith a’ deasachadh airson ICO am-bliadhna. Bidh na làithean-trèanaidh seo freagarrach an dà chuid do dh’oidean a th’ air a bhith ag obair air Iomairt Chiùil na h-Òigridh roimhe agus do cheòladairean aig a bheil ùidh anns an obair airson a’ chiad uair, is sinn ag ùrachadh ghoireasan, ghnìomhan is dòighean-obrach gus tilleadh gu teagasg aghaidh-ri-aghaidh às dèidh buaidh Covid-19.

Mar oide a th’ air a bhith an sàs fad iomadh bliadhna, bidh Anna Mhàrtainn a’ lìbhrigeadh sheiseanan, a’ toirt sùil gu h-àraid air mar a chuirear cuideam air a’ Ghàidhlig agus àitichean ionadail is mar a nìthear ceangal eadar iad sin agus an ceòl.

Ma tha sibh ag iarraidh ur n-ainmean a chur sìos airson aon de na làithean-trèanaidh, tha foirm-clàraidh ri fhaotainn an seo. Tha sinn a’ dèanamh fiughair ri ur faicinn ann agus dèanamh deiseil airson 20 bliadhna de dh’Iomairt Chiùil na h-Òigridh a chomharrachadh!

Creative Scotland The Scottish Government Highlands and Islands Enterprise Bòrd na Gaidhlig Highland Council Comhairle nan Eilean Siar Argyll & Bute Council We are a Living Wage Employer