Aig toiseach a’ mhìos seo, ann an co-bhanntachd ri Blas, fhuair òigridh le Gàidhlig ann am bun-sgoiltean air feadh sgìre Chomhairle na Gàidhealtachd tlachd às an dealbh-chluich ùr ‘Sgeulachdan an Tilley’, a chaidh a riochdachadh tron t-seirbheis tèatar-oideachaidh Meanbh-chuileag aig Fèisean nan Gàidheal. B’ e seo a’ chiad chothrom aig a’ bhuidheann turas a dhèanamh le dealbh-chluich airson corr is dà bhliadhna gu leth ri linn bacaidhean a’ ghalair mhòr-sgaoilte. Mhair an turas deich latha uile gu lèir eadar 29 Lùnastal agus 9 Sultain le taisbeanaidhean aig 16 bun-sgoiltean Gàidhlig air feadh na sgìre.
Chaidh an dealbh-chluich, a tha a’ foillseachadh sgeulachdan ‘s beul-aithris na Gàidhealtachd ’s nan Eilean, a sgrìobhadh ‘s a stiùireadh le Aonghas MacLeòid, Oifigear Dràma Fhèisean nan Gàidheal agus chaidh a mhaoineachadh le Alba Chruthachail agus Bòrd na Gàidhlig. Nochd Aonghas san dealbh-chluich mar chleasaiche cuide ri Fearghas Rothach agus Evie Waddell. Tha ceòl traidiseanta agus seinn sa Ghàidhlig ann cuideachd le Fearghas air an fhìdeig agus Evie a’ cluich na fìdhle. Thathar an dùil tursan a bharrachd a dhèanamh den dealbh-chluich ann an ceann a deas na dùthcha, Earra-Ghàidheal agus na h-Eileanan Siar anns a’ Ghearran agus anns a’ Mhàirt 2023.
Thuirt Shona NicIllinein, Ceannard, Bòrd na Gàidhlig: “Tha Bòrd na Gàidhlig air leth toilichte taic a chur ris a’ phròiseact seo agus e a togail air amasan Plana Nàiseanta na Gàidhlig gus Gàidhlig àbhaisteachadh. Bidh an drama seo a’ toirt togail do dh’iomadh neach às dèidh a’ ghlasadh sluaigh. Tha sinn an dòchas gun tèid gu math leotha agus ‘s cinnteach gun còrd an dealbh-cluiche riutha uile.”


