Pod-chraoladh ùr air a chur a-mach le  Fèisean nan Gàidheal

Café Bheairteis

Tha Fèisean nan Gàidheal toilichte innse gu bheil am pod-chraoladh ùr aca, Café Bheairteis, air a chur a-mach.

Tha Cafe Bheairteis air fear de na pròiseactan Fèisgoil aig Fèisean nan Gàidheal a thòisich air loidhne rè àm a’ ghlasaidh ri linn Chòbhad. Bha e a’ toirt a’ chothroim do Ghàidheil òga de gach comas air feadh na h-Alba is an t-saoghail am misneachd a neartachadh ann an suidheachadh càirdeil saorsainneil. Bha an cothrom aig Gàidheil de dh’aois na h-àrd-sgoile is an oilthigh conaltradh ri càch a chèile air feadh na dùthcha is gu h-eadar-nàiseanta agus bha faireachadh a’ cho-chomainn a dh’fhàs thar nan seiseanan Zoom air leth cudromach air sàilleabh nan suidheachaidhean sior-atharrachaidh mì-shocair rè àmannan-glasaidh a’ ghalair.

Mar a dh’fhàs na seiseanan còmhraidh, chaidh cuireadh a thoirt gach seachdain do dh’aoigh a bhruidhinn mum beatha phearsanta is -obrach, nam measg a’ bhuaidh a bha aig a’ Ghàidhlig orra is na h-agallamhan air an stiùradh le pannal de Ghàidheil òga air an taghadh bhon bhuidhinn-stiùraidh air loidhne. Tro na seachdainean am measg nan aoighean bha Gàidheil den h-uile seòrsa, leithid,  Iain MhicIlleMhìcheil, Lana Pheutan, Seonaidh Mhicant-Saoir, Kim Ní Chearnaigh, Tormod MhicLeòid agus Màiri Anna NicUalraig.

Chaidh na còmhraidhean seo a chlàradh agus tha iad rim faighinn a-nis ri èisteachd riutha air a’ phod-chraoladh ùr.

‘S iad seo a bha air a’ bhuidhinn stiùraidh òig aig Cafe Bheairteis is a ghabh pàirt sna h-agallamhan: Muireann Nic an Bháird (Glaschu), Mata GilleMhoire Wright (Dùn Èideann), Lùcas MacLeòid (Leòdhas) agus Rae NicÌomhair* (Glaschu). Seo na thuirt iad;

Chòrd pròiseact Café Bheartais rium gu mòr! Thàinig e aig àm a bha gu math iomchaidh; aig àm a‘ ghlasadh-sluaigh agus, tha mi cinnteach, nach eil mi nam aonar ag ràdh gum b’ e feasgar Dihaoine air zoom Café B aon de h-amannan a bhithinn a‘ coimhead air adhart ris as motha.

Chruthaich sinn coimhearsnachd ùr mar òigridh na Gàidhlig agus dh’ fhàs seo na bu làidire thairis nam mìosan. A bharrachd air cluinntinn bho na h-aoighean air leth inntinneach againn, b’ e còmhla ri mo “Theaghlach Café B” far an d’ fhuair mi cothrom mo chuid Ghàidhlig a chleachdadh ann an suidheachadh sòisealta, a‘ phàirt as fheàrr leam dhen phròiseact!
– Muireann

Chaidh Pod-chraoladh Café Bheairteis a chruthachadh le Fèisean nan Gàidheal le taic bho Alba Chruthachail, Bòrd na Gàidhlig, Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid, Comhairle na Gàidhealtachd, Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean agus Riaghaltas na h-Alba. Tha ar taing shònraichte aig an òigridh a ghabh pàirt ann, aig na h-aoighean a dh’aontaich ri an agallamh, aig Iain MacDiarmaid airson taic theicnigeach agus aig Karen Oakley airson cuid a’ phod-chraolaidh den phròiseact a thoirt gu ìre. Tha a’ chiad dà earrann beò marthà agus thèid pod-chraoladh ùr a luchdachadh a-nuas a h-uile Dihaoine. Gheibhear iad le bhith a’ lorg ‘Café Bheairteis’ air aplacaid a’ Phod-chraolaidh agus thèid a cheangal ri làrach-lìn Fèisean nan Gàidheal agus ri sianailean nam meadhanan sòisealta. Ma chòrd am pod-chraolaidh riut, bhiodh Fèisean nan Gàidheal taingeil airson taic na coimhearsnachd le bhith a’ riarachadh na tha ann agus/no a’ fàgail còig rionnagan gus uimhir a Ghàidheil ‘s a ghabhas a ruighinn.

Creative Scotland The Scottish Government Bòrd na Gaidhlig Highland Council Argyll & Bute Council William Grant Foundation We are a Living Wage Employer