Taic dràma do sgoiltean a tha a’ teagasg na Gàidhlig mar chànan a bharrachd
Tha Fèisean nan Gàidheal gu bhith a’ tabhann fhaclan is abairtean sa Ghàidhlig ann an cruth dràmadach do sgoiltean a tha air a’ Ghàidhlig a thaghadh mar chànan a bharrachd, tro dhealbh-chluich ùr steidhichte air sgeulachdan traidiseanta air a bheil Tilley Tales.
Le maoineachadh bho Bhòrd na Gàidhlig agus Alba Chruthachail, tha Oifigear Dràma Fhèisean nan Gàidheal, Aonghas MacLeòid, air Tilley Tales a sgrìobhadh agus a stiùireadh, ath-chruthachadh air an dreach Gàidhlig, Sgeulachdan an Tilley, a bha air chuairt tro sgoiltean le foghlaim tro mheadhan na Gàidhlig bho chionn ghoirid. Chuir luchd-obrach agus sgoilearan fàilte air an taisbeanadh agus tha Fèisean nan Gàidheal an dòchas gun gabh sgoiltean aig a bheil ùidh ann an seiseanan Gàidhlig buadhmhor a thabhann do an cuid chlasaichean an cothrom a dhol an sàs.
Tha an dealbh-chluich air a riochdachadh tro sheirbheis foghlaim foirmeil Fèisean nan Gàidheal, Fèisgoil, is thèid an dealbh-chluich air chuairt cuide ri cleasaichean is ceòladairean Fearghas Rothach, a bha cuideachd an sas le Sgeulachdan an Tilley, agus Pàdraig Mac a’ Phearsain. Bidh iad air chuairt fad cola-deug bho Dhiluain 7 An t-Samhain a’ tadhal air bun-sgoiltean ann an Inbhir Nis agus an sgìre mun chuairt.
Mar sheinneadair agus sgrìobhaiche òrain, is e seo a’ chiad turas a thèid Pàdraig Mac a’ Phearsain an sàs ann an dràma. Mar a tha e ag innse, tha e a’ cur fàilte air a’ chothrom:
“A’ fuireach ann an Inbhir Nis, tha ùidh mhòr agam ann a bhith a’ cur ris na cothroman a th’ agam mo chuid Ghàidhlig a leasachadh, agus tha cothroman far an tèid agam air a bhith ag obair cuide ri luchd-ealain na Gàidhlig a’ toirt misneachd dhomh fhèin ann a bhith a’ cleachdadh a’ chànain gu nàdarra. Tha meas mòr agam fhèin is aig Fearghas a bhith a’ seinn sa Ghàidhlig agus tha na h-òrain thraidiseanta a bhios a’ nochdadh anns an dealbh-chluich gu h-àraid a’ tighinn rinn.”
Thuirt Shona NicIllinein, Ceannard, Bòrd na Gàidhlig: “Tha Bòrd na Gàidhlig air leth toilichte taic a chur ris a’ phròiseact seo agus e a togail air amasan Plana Nàiseanta na Gàidhlig gus Gàidhlig àbhaisteachadh. Bidh an dealbh-chluich seo na ghoireas do na sgoilearan air fad a tha ag ionnsachadh na Gàidhlig mar chànan a bharrachd. Tha sinn an dòchas gun tèid gu math leotha agus ‘s cinnteach gun còrd e riutha uile.”
Airson tuilleadh fiosrachaidh air obair dràma Fhèisean nan Gàidheal, Sporan, mar a theirear ris a’ phròiseact ann an suidheachaidhean far a bheil a’ Ghàidhlig air a theagasg mar chànan a bharrachd, cuiribh fios air Aonghas MacLeòid, Oifigear Dràma, Fèisean nan Gàidheal air 01463 225559 no angus@feisean.scot.
