Feall is fealla-dhà fa-near do sgoilearan Gàidhlig air feadh na dùthcha
Tha dealbh-chluich Nollaige Fèisean nan Gàidheal an dùil tilleadh do na sgoiltean aghaidh ri aghaidh an ath seachdain airson a’ chiad uair bho 2019, gus sgeulachd innse le brosnachadh bho Phinocchio gus taic a chur ri Bliadhna nan Sgeul 2022.
Le maoin bho Bhòrd na Gàidhlig agus Alba Chruthachail, tha Oifigear Dràma Fèisean nan Gàidheal, Aonghas MacLeòid, air Fiodhògaidhio agus an Fharpais-chiùil a sgrìobhadh agus a stiùireadh, a tha ag innse mu Arturo aig a bheil bùth ionnsramaidean-ciùil a tha ann an cunnart. Tha dèideag cheòlmhor ùr a chruthaich Arturo na adhbhar dòchais dha, ach chan fhada gus an tèid an ceòl air feadh na fìdhle! Tha fèill mhòr air tilleadh na deilbh-chluiche ann an sgoiltean air feadh na dùthcha, le còrr is 1,000 sgoilear ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig an dùil an taisbeanadh fhaicinn.
Tha am panto air a riochdachadh tro sheirbheis foghlaim Fèisean nan Gàidheal, Fèisgoil, is thèid an dealbh-chluich air chuairt cuide ri cliar de cheathrar chleasaichean: Fearghas Rothach, Raonaid Cheanadach agus Evie Waddell, a th’ air a bhith an sàs ann an taisbeanaidhean dràma Fèisean nan Gàidheal roimhe, agus Claire Frances NicNìll, a tha na h-oide air iomadh pròiseact Fèisgoile.
Thuirt Claire Frances, ‘s i an sàs ann an dràma Fèisean nan Gàidheal airson a’ chiad uair: “Is e tlachd a th’ ann daonnan a bhith ag obair le Fèisean nan Gàidheal agus tha mi a’ coimhead air adhart gu mòr a bhith an sàs ann an dràma, air àrd-ùrlair còmhla riutha. ’S e sgioba air leth a th’ againn agus tha ar n-ullachadh air a bhith a’ dol gu math agus sinn a’ cur thàlantan gach duine gu feum. Bidh feall is fealla-dhà gu leòr san sgeulachd ùr Fiodhògaidhio agus tha sinn an dòchas gun còrd e ris na sgoilearan agus tidsearan cho math ’s a tha e a’ còrdadh rinne.”
Bidh iad air chuairt fad cola-deug bho Dhiluain 5 An Dùbhlachd, a’ tadhal air sgoilearan Gàidhlig air feadh na h-Alba bho Bhaile Dhubhthaich do Chille Mheàrnaig. Ged nach eil e comasach don sgioba tadhal air gach sgoil Ghàidhlig anns an dùthaich, thèid taisbeanadh poblach, fosgailte do dhuine sam bith, a chumail aig Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis, Diardaoin 8mh An Dùbhlachd aig 7f. Thèid an taisbeanadh poblach a chlàradh agus a cho-roinn le sgoiltean Gàidhlig air nach tadhal Fèisean nan Gàidheal ann an turas-sgoile 2022 mar ghoireas Nollaige air thoiseach air na làithean-saora.
Thuirt Shona NicIllInnein, Ceannard Bhòrd na Gàidhlig: “Tha sinn air leth toilichte taic a chur ris a’ phròiseact chudromach seo a-rithist. Bidh e a’ cur ri amasan a’ Phlana Nàiseanta gus a’ Ghàidhlig àbhaisteachadh agus cuideachd, a’ cur ri sunnd dhaoine. Tha e a’ cruthachadh chothroman ùra do dh’òigridh gus a’ Ghàidhlig a chluinntinn ann an suidheachaidhean neo-fhoirmeil, taobh a-muigh an t-seòmair-sgoile agus tha e a’ sealltainn blasad den tàlant beairteach a th’ againn nar luchd-ealain Gàidhlig. Tha sinn cinnteach gun còrd e gu mòr ris a h-uile duine, gu h-àraid le cothrom airson na cloinne a bhith an sàs ann an tachartas aghaidh ri aghaidh.”