
Tha Fèisean nan Gàidheal agus Comhairle Baile Ghlaschu air leth toilichte a bhith a’ co-obrachadh a-rithist airson an treas sreath de sheiseanan Gàidhlig a lìbhrigeadh do luchd-obrach na comhairle. Bho 2021, tha am buidheann ealain air a bhith a’ tabhann sheiseanan saor an-asgaidh air cultar agus cànan aig diofar ìrean do luchd-obrach Comhairle Baile Ghlaschu agus do Theaghlach Ghlaschu, buidhnean leth-eisimeiliche air an taobh a-muigh, le taic maoineachaidh bhon chomhairle agus bho Bhòrd na Gàidhlig.
Thuirt Dòmhnall Mac a’ Phì, Oifigear Leasachaidh na Gàidhlig aig Comhairle Baile Ghlaschu: “Tha e cudromach gum bi cothrom aig ar luchd-obrach a’ Ghàidhlig ionnsachadh agus faicinn gu bheil i beò is fallain ann an Glaschu. Tha sinn airson seiseanan tlachdmhor a thabhann dhaibh agus fios againn gun lìbhrig Fèisean nan Gàidheal a leithid. Tha iad air leth math air dèanamh cinnteach gu bheil an t-ionnsachadh spòrsail is, mar sin, tha mi cinnteach gun còrd na clasaichean seo ris a h-uile duine.”
Bidh na seiseanan seo air an lìbhrigeadh air loidhne tro sheirbheis foghlaim foirmeil Fèisean nan Gàidheal, Fèisgoil, is barrachd na dà cheud com-pàirtiche air a dhol an sàs gu ruige seo, fo stiùir 14 oidean inntinneach agus brosnachail. Tha 107 clàraichte airson an t-sreath ri thighinn agus thèid an cùrsa air adhart thairis air sia seachdainean bho mheadhain a’ Ghearrain gu deireadh a’ Mhàirt. Tòisichidh an t-sreath ùr ann an Seachdain na Gàidhlig.
Bithear a’ tarraing air goireasan eadar-dhealaichte, nan measg cùrsa SpeakGaelic, goireas ionnsachadh Gàidhlig MG ALBA air a leasachadh le Sabhal Mòr Ostaig. Tha prògraman a’ BhBC, pod-chraolaidhean is goireasan air loidhne ri fhaotainn cuide ris a’ chùrsa gus ionnsachadh nan com-pàirtichean a neartachadh taobh a-muigh nan seiseanan.
Thuirt Shona NicIllInnein, Ceannard Bhòrd na Gàidhlig: “Tha sinn air leth toilichte taic a chur ris an iomairt chudromach seo a-rithist gus Gàidhlig a theagasg do luchd-obrach Comhairle Baile Ghlaschu. Tha seo a’ cruthachadh chothroman do dhaoine gus Gàidhlig ionnsachadh agus cuideachd a cur ri amasan a’ Phlana Nàiseanta gun tèid a’ Ghàidhlig a chleachdadh nas trice, le barrachd dhaoine agus ann am barrachd shuidheachaidhean.”


