Ceudan de Dhaoine Òga ann an Tachartasan Gàidhlig na Càisge

Bidh tachartas-còmhnaidh Fèisean nan Gàidheal – 5 Latha – a’ dol ar adhart anns Na Gearrannan, Eilean Leòdhais air an t-seachdain seo le taghadh farsaing de chur-seachadan airson sgilean cainnt òigridh a bheairteachadh.

Gach latha bidh clasaichean ciùil ann le Iain MacMhaighstir (Còmhlan Cèilidh Ghleann Fhionnain) agus Seonaidh Mac an t-Saoir (Trail West) os an cionn.  Le taic bho Ellen NicDhòmhnaill (Sian/Dàimh), Peigi Nic a’ Phiucair agus Calum Friseal bidh òigridh an sàs ann an gnìomhan co-cheangailte ri croitearachd, fiadh-bheatha, obair a’ Chlò Hearaich agus còcaireachd, le daoine anns a’ choimhearsnachd a’ lìbhrigeadh sheiseanan dhaibh.  Tha a h-uile càil ag amas air cleachdadh na Gàidhlig a bhrosnachadh agus briathrachas ùr a thogail.

Thuirt Manaidsear Leasachaidh Fèisean nan Gàidheal, Calum Ailig Macmhaoilein, “Tha e cho math a bhith air ais anns Na Geàrrannan airson 5 Latha le buidheann de dh’òigridh a th’ air roghainn a dhèanamh pàirt a ghabhail san tachartas.  Tha sinn gu mòr an comain Bhòrd na Gàidhlig airson taic-airgid an tachartas a chur air dòigh.” 

“Seo an deicheamh turas againn anns Na Geàrrannan le 5 Latha ‘s tha muinntir Chàrlabhaigh daonnan a’ cur fàilte bhlàth oirnn agus tha sinn taingeil airson na taic a bhios iad a’ toirt dhuinn.  Le cuideachadh bho Chòisir Ghàidhlig Chàrlabhaigh, thèid cèilidh a chumail ann an Talla Choimhearsnachd Chàrlabhaigh Diardaoin 6mh Giblean, le òrain is puirt bho chom-pàirtichean, luchd-teagaisg is luchd-stiùiridh an tachartais, cuide ri aoigh no dhà.”

Thuirt Shona NicIllinnein, Ceannard Bòrd na Gàidhlig: “Tha sinn glè thoilichte taic a chumail ris a’ phròiseict seo a tha cho cudromach do dh’òigridh. Tha e a’ tabhann cothrom dhaibh an cuid Gàidhlig a chleachdadh taobh a-muigh na sgoile agus cuideachd a’ cur ri amasan a’ Phlana Nàiseanta gus Gàidhlig àbhaisteachadh.  A bharrachd air sin, tha e a’ cur ri sunnd dhaoine agus tha sinn an dòchas gun còrd 5 Latha riutha.”

‘S e àm trang a th’ ann do dh’Fhèisean nan Gàidheal agus Fèisean air feadh na dùthcha a’ tachairt rè shaor-làithean na Càisge eadar Nis, Port Rìgh, Inbhir Nis, An t-Òban, Obar Dheathain agus Glaschu.  Gheibh na ceudan de dhaoine òga cothroman ionnsachaidh ann an ceòl traidiseanta, dràma, òrain Ghàidhlig, dannsa agus ealain bho luchd-teagaisg a tha air leth sgileil. 

Thuirt Art MacCarmaig, Ceannard Fèisean nan Gàidheal: “Le maoin bho Alba Chruthachail, Bòrd na Gàidhlig, Fonndas Uilleim Ghrannd, Comhairle na Gàidhealtachd agus Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid, tha Fèisean nan Gàidheal air leth toilichte taic a chumail ri Fèisean air feadh Alba.  Tha sinn daonnan airson taic a chumail ris na comataidhean airson lìbhrigeadh Fhèisean a dhèanamh nas fhasa dhaibh, ach tha dìorrasachd nan comataidhean an-còmhaidh brosnachail.  Tha sinn a’ guidhe gach soirbheas dhaibh leis na tachartasan a tha a’ dol air adhart a bheireadh cothrom do dh’òigridh eòlas a chur air an dualchas agus cothroman obrach a chruthachadh do luchd-ealain.”

Creative Scotland The Scottish Government Bòrd na Gaidhlig Highland Council Argyll & Bute Council William Grant Foundation We are a Living Wage Employer