MOWI a’ toirt cothrom do chlann a thighinn còmhla gus ‘Òrain air Chall’ a chomharrachadh

Air Diardaoin 23 An Gearran thug bàta MOWI 10 sgoilearan à Eilean Rùma agus Eilean nam Muc tarsainn a dh’Eige gus am b’ urrainn do chlann nan Eilean Tarsainn cruinneachadh còmhla gus deireadh pròiseict fad dà bhliadhna a chomharrachadh, a chaidh a lìbhrigeadh le buidheann ealain nan Gàidhlig Fèisean nan Gàidheal. Cuideachd air bòrd bha dà neach-ciùil, Iain MacMhaighstir agus Ross Martin, a’ siubhal gus taic a thoirt do mhuinntir Eige ann a bhith a’ cur air dòigh cèilidh sònraichte do chlann nam bun-sgoiltean.

Bidh Fèisean nan Gàidheal a’ cur taic ri 47 Fèisean teagaisg a tha a’ toirt ionnsachadh ann an ealain dhualchasach na Gàidhlig do dh’òigridh air feadh Alba, Fèis Eige nam measg.

Bha Treòir Voar Virr, pròiseact air a mhaoineachadh le Riaghaltas na h-Alba, air a lìbhrigeadh le seirbheis foghlaim foirmeil Fèisean nan Gàidheal, Fèisgoil, ann an 80 sgoil eileanach ann an Sealtainn, Arcaibh, na h-Eileanan Siar, air a’ Ghàidhealtachd, Àir a Tuath agus Earra-ghàidheal is Bòd. An lùib a’ phròiseict bha 70 neach-ealain – seinneadair, luchd-ciùil, luchd-ealain lèirsinneach, sgeulaichean, sgrìobhadairean is dannsairean nam measg – a bha ag obair còmhla ri sgoilearan air pròiseactan ioma-ealaineach, a’ dèanamh ceangal do na coimhearsnachd ionadail anns a bheil iad beò le measgachadh de bheul-aithris, faoin-sgeulachdan, eachdraidh, ceòl agus nàdar aig cridhe a’ phròiseict. Airson an dàrna phàirt den phròiseact, bha Òrain air Chall aig cridhe na cùise agus oidean a’ toirt taic don chloinn ann a bhith ag ionnsachadh òrain ionadail nach eil ri chluinntinn cho tric nan coimhearsnachdan sna làithean-sa.

Chaidh Gabe MacMharais, a tha na fhìdhlear anns a’ chòmhlan Dàimh, agus seinneadair, neach-obrach dràma is tidsear ciùil Nan Ní Fhiaich, a thoirt air bòrd le Fèisean nan Gàidheal agus san dà bhliadhna mu dheireadh tha an dithis cruthachail (a tha a’ fuireach ann an Eilean Eige) air 26 seiseanan a Treòir Voar Virr a lìbhrigeadh don chloinn anns na trì bun-sgoiltean sna h-Eileanan Tarsainn. Thuirt Nan Ní Fhiaich:

“Tha am pròiseact Òrain air Chall air a bhith na fhìor thlachd dhan a h-uile duine a bha an sàs agus bha ar cèilidh leis na trì sgoiltean sna h-Eileanan Tarsainn na dhòigh iongantach air deireadh a’ phròiseict a chomharrachadh. Tha seinn riamh air a bhith na gnìomh choimhearsnachd anns na h-eileanan seo agus tha na h-òrain air an gabhail gus daoine a thoirt còmhla: fhad ‘s a bha iad ag obair air an fhearainn, a’ luathadh, a’ dannsa agus a’ gabhail spòrs. Bha e mìorbhuileach gun robh cothrom aig a’ chloinn an eòlas seo fhaighinn agus tha sinn cho taingeil airson a’ chothrom a thighinn cruinn còmhla gus seinn le chèile.”

Thuirt Eilidh NicCoinnich, Manaidsear Fèisgoil aig Fèisean nan Gàidheal:

“Le cuid den lìbhrigeadh a’ gabhail àite air-loidhne, gu h-àraid le sgoiltean ann an Eilean Rùma agus Eilean nam Muc, bha sinn gu mòr airson ‘s gum faigheadh a’ chlann cothrom a thighinn còmhla gus cèilidh a ghabhail aig deireadh a’ phròiseict. Tha Fèisean nan Gàidheal gu mòr an comain na sgoiltean seo airson an taic a thug iad don phròiseact, don luchd-ciùil fialaidh agus an fheadhainn a thàinig a-nall airson a’ chèlidh, agus gu h-àraid do MOWI a dh’aiseig a-nall iad an-asgaidh. Le cinnt, cha bhiodh e air a bhith comasach às ur n-aonais!”

Chaidh an toirt a-nall ann an taisbeanadh de choibhneas is taic coimhearsnachd bho MOWI aig toiseach an latha-sgoile, is thill iad dhachaigh feasgar às dèidh do sgoilearan nan Eilean Tarsainn air fad latha air leth a ghabhail còmhla a’ seinn nan òran a dh’ionnsaich iad agus a’ dannsa ri ceòl beò. Bha Peigi Kirk, neach-còmhnaidh Eige is neach-làbhairt na Gàidhlig a tha 93 bliadhna a dh’aois, na h-aoigh urramach aig an tachartas seo.

Creative Scotland The Scottish Government Bòrd na Gaidhlig Highland Council Argyll & Bute Council William Grant Foundation We are a Living Wage Employer