£111,000 de thaic do ealain na h-Alba

Tha £111,000 ri fhaighinn airson cuideachadh a thoirt do luchd-ealain is buidhnean pròiseactan cruthachail a thoirt gu buil.

Chaidh a dhearbhadh le Alba Chruthachail gun leanadh an taic aca airson Tasgadh agus Maoin nan Ealan Gàidhlig agus dhearbhaich Bòrd na Gàidhlig suim a bharrachd don stòras.  Tha an dà sgeama ag amas air taic a chumail ri cultar na Gàidhlig is Albais le tabhartasan a thoirt do luchd-ealain air leth agus do bhuidhnean leantainn orra taisbeanaidhean, bùithtean-obrach is obair eile a chur air adhart mar chùl-taic do cruthachalachd.  Ga riarachadh le buidheann ealan Ghàidhlig, Fèisean nan Gàidheal, chan eil a dhìth ach foirm sìmplidh a lìonadh airson gach stòras agus gheibh tagraichean freagairt taobh a-stagh mìos bhon cheann-là mu choinneamh iarrtasan.

Airson beagan bhliadnaichean tha Alba Chruathachail air taic luach £45,000 sa bhliadhna a chur gu Maoin nan Ealan Gàidhlig, a chaidh a dhealbhachadh leotha fhèin, agus bidh an aon shuim ann bhon bhuidhinn ann an 2023-24.  Airson a’ chiad uair, tha Bòrd na Gàidhlig air aontachadh taic a chumail ris an sgeime le £30,000 a bharrachd, a’ fàgail £75,000 uile gu lèir airson sgaoileadh.  Bidh prìomhachas air pròiseactan a tha gan dèanamh tro mheadhan na Gàidhlig no a bhios a’ cur ri togail agus cleachdadh na Gàidhlig.

Thuirt Brian Ó hEadhra, Manaidsear Chom-pàirteachasan is Maoineachaidh Bhòrd na Gàidhlig: “Tha sinn air leth toilichte taic a chur ris a’ mhaoin chudromach seo a tha na chuideachadh gus na h-ealain agus cultair na Gàidhlig a chumail a dol.  Tha na h-ealain cho cudromach nar coimhearsnachdan agus tha a’ mhaoin seo na thaic do luchd-ealain agus buidhnean gus susbaint brosnachail a chruthachadh agus a libhrigeadh.  Mholamaid do dhuine sam bith le beachd airson pròiseact iarrtas a chur a-steach.” 

Tha dà cheann-là ann airson iarrtasan Maoin nan Ealan Gàidhlig – Dihaoine 26mh Cèitean agus Dihaoine 10mh Samhain 2023.

Chaidh Tasgadh a dhealbhachadh airson taic a chumail ri luchd-ealain air leth is buidhnean gus obair a chruthachadh, a chluich, a thoirt air chuairt agus a thaisbeanadh. Tha am maoin, sa bheil luach £36,500, fosgailte don fheadhainn aig a bheil eachdraidh cheana ann an dannsa dualchasach Albannach, innse sgeulachdan no ceòl dualchasach.  Tha suimean eadar £250 agus £1,000 rim faighinn agus am measg nam pròiseactan a fhuair taic roimhe bha leithid chlasaichean seachdaineil ciùil is seiseanan-obrach, bhideothan ciùil, leasachadh is co-obrachadh dannsa, dèanamh ceòl ùr, cuairtean, leasachadh pearsanta is pròiseactan rannsachaidh, greisean gnìomhachais agus fèisean.

Thuirt Catriona Hawksworth, Oifigear Ealain Thraidiseanta aig Alba Chruthachail: “Tha e cho math gu bheil co-obrachadh a’ leantainn le Fèisean nan Gàidheal gus taic a chumail ri luchd-ealain agus coimhearsnachdan an sàs anns na h-ealain Ghàidhlig agus dhùthchasach.  Bidh barrachd chothroman gan cruthachadh dhaibhsan a tha ag obair sa Ghàidhlig an-dràsta agus a dh’fhaodadh a bhith san àm ri teachd.  Ghabhadh an obair seo a leudachadh leis an taic a bharrachd bho Bhòrd na Gàidhlig.”

Thuirt Art MacCarmaig, Ceannard, Fèisean nan Gàidheal: “Tha Fèisean nan Gàidheal ro thoilichte co-obrachadh le Alba Chruthachail agus gu mòr an comain Bhòrd na Gàidhlig airson an tuilleadh taic oir, gu tric, bidh iarrtasan againn nach gabhadh a shàsachadh tron dà sgeama.  Chluich an t-uabhas de luchd-ealain pàirt ann an toileachas-inntinn coitcheann an t-sluaigh tron phandemic aig àm far an robh obair gann, mus do bhuail àrdachaidhean ann an cosgaisean bith-beò.  Tha e cudromach gum bi taic ann dhaibh obair a chruthachadh agus cosnadh a bhith aca.  Tha sinn an dòchas gun cuidich am maoin seo le sin.”

Bidh trì cothroman maoineachaidh airson Tasgadh leis na cinn-là a leanas airson iarrtasan: 19mh Cèitean 2023, 20mh Dàmhair 2023 agus 26mh Faoilleach 2024.

Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh air Maoin nan Ealan Gàidhlig tron cheangal seo is Tasgadh tron cheangal seo.

Creative Scotland The Scottish Government Bòrd na Gaidhlig Highland Council Argyll & Bute Council William Grant Foundation We are a Living Wage Employer