Sgoil-shamhraidh Dràma a’ comharrachadh sia bliadhna deug

Tha Sgoil-shamhraidh Dràma Fèisean nan Gàidheal a’ tighinn mun cuairt a-rithist is e a’ tarraing òigridh na dùthcha le ùidh ann an dràma còmhla gus an cuid sgilean a leasachadh tro mheadhan na Gàidhlig. Tha an sgoil-shamhraidh air a bhith a’ ruith bho

2008 ann am Port Rìgh san Eilean Sgitheanach, is deugairean bho air feadh na h-Alba a’ faighinn cothrom ionnsachadh bho chuid de na cleasaichean Gàidhlig as cliùitiche a th’ ann. Tha an Sgoil-shamhraidh Dràma riochdaichte le Fèisean nan Gàidheal le maoineachadh bho Bhòrd na Gàidhlig agus Alba Chruthachail.

’S e Aonghas MacLeòid, Oifigear Dràma Fhèisean nan Gàidheal, a bhios a’ co-òrdnachadh na Sgoile. Thuirt e: “’S e cothrom fìor mhath a th’ anns an Sgoil-shamhraidh do dh’òigridh san àrd-sgoil cur ri na sgilean cleasachd aca as t-samhradh ge bith dè an ìre aig a bheil iad.  Chan eil e gu diofar ma tha torr eòlais aca no mura h-eil iad air dràma fheuchainn riamh nam beatha, ach dìreach gu bheil ùidh aca ann. A bharrachd air an cuid sgilean cleasachd a leasachadh tro eacarsaichean agus buthan-obrach dràma, bidh mòran a’ cur luach anns a’ chothrom cur ri na sgilean làbhairt aca sa Ghàidhilg anns na bùthan-obrach agus le compàirtichean eile. Tha e an-còmhnaidh cudromach gu bheil sgioba càirdeil agus èasgaidh de luchd-teagaisg agus luchd-aire againn le eòlas farsaing ann an sgilean dràma, a bheir brosnachadh do chompàirtichean ann an dràma is Gàidhlig le tòrr fealla-dhà agus spòrs na chois.”

Am-bliadhna, thèid an sgoil-shamhraidh a chumail eadar 3 agus 8 an t-Iuchar ’s iad fo stiùir Raonaid Cheanadach, a tha aithnichte mar chleasaiche ann am prògraman comadaidh, am fiolm ‘Eilbheas’ a chaidh ainmeachadh airson BAFTA Albannach agus, bho chionn goirid, mar Raonaid ann an dràma ùr BBC ALBA, An Clò Mòr. Am measg soirbheachasan na sgoil-shamhraidh thar nam bliadhnaichean, tha duais a fhuaireadh bho FilmG airson an Fhilm as Fheàrr agus, am-bliadhna, thèid bùthan-obrach a chumail tron t-seachdain le cuideam air sgilean cleasachd a leasachadh agus pìosan dràma ùra a chruthachadh.

Thuirt Shona NicIllinnein, Ceannard Bhòrd na Gàidhlig: “Tha sinn cho toilichte taic a chumail ris a’ phròiseact seo a tha cho cudromach do dh’òigridh agus an cuid Gàidhlig. Tha e a’ tabhainn cothrom dhaibh na sgilean aca a leasachadh ann an suidheachadh cruthachail agus a bhith a’ fàs eòlach air Gàidheil òga eile.  Tha am pròiseact seo a’ cur ri amasan a’ Phlana Nàiseanta gus fàs a thoirt air cleachdadh na Gàidhlig.  A bharrachd air a sin, tha e a’ cur ri sunnd dhaoine agus tha sinn an dòchas gun còrd an Sgoil-Shamhraidh riutha.”

Gus tuilleadh fiosrachaidh fhaighinn no gus àite aig an sgoil-shamhraidh a ghlèidheadh rachaibh gu www.feisean.org/ssd no cuiribh fios air Oifigear Dràma Aonghas MacLeòid air angus@feisean.scot ron cheann-latha son iarrtasan, ro 9 An t-Ògmhios 2023.

Creative Scotland The Scottish Government Bòrd na Gaidhlig Highland Council Argyll & Bute Council William Grant Foundation We are a Living Wage Employer