A’ neartachadh na Gàidhlig ann an Eileanan Earra-Ghàidheil

An dèidh tairgse phoblach tha buidheann ealain na Gàidhlig, Fèisean nan Gàidheal, air cùmhnant fhaighinn le Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid gus seiseanan Gàidhlig a lìbhrigeadh ann an trì coimhearsnachdan eileanach – Colla, Tiriodh agus Eilean Bhòid.  Tha a’ bhuidheann a-nise a’ sireadh dhaoine le Gàidhlig san sgìre le ùidh ann an seiseanan a lìbhrigeadh, a bharrachd air luchd-ionnsachaidh le ùidh pàirt a ghabhail.

Fhuair Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid taic tro Mhaoin Sgilean nan Eilean aig Riaghaltas na h-Alba gus na seiseanan a lìbhrigeadh agus bidh trì pròiseactan a’ nochdadh fo bhratach Tabhaich.

Is e a’ chiad phròiseact sreath de shia clasaichean còmhraidh aghaidh-ri-aghaidh gus taic a thoirt don obair a bhios ga dèanadh air loidhne leis an eòlaiche Gàidhlig, Pàdruig Moireach, a tha cuideachd air cùmhnant a ghlèidheadh. Gach seachdain bidh oide ionadail a’ neartachadh na dh’ionnsaicheas com-pàirtichean air loidhne bho Phàdruig.

A bharrachd air na seiseanan adhartach seo, bidh Fèisean nan Gàidheal a’ tabhann sheiseanan gus blasad den Ghàidhlig a thoirt do mhuinntir nan eilean agus do luchd-tadhail a tha airson ionnsachadh mun chultar is mu dhualchas nan eilean.

Agus bidh seirbheis foghlaim foirmeil Fèisean nan Gàidheal, Fèisgoil, a’ tabhann cothrom do na sgoiltean eileanach air fad a dhol an sàs ann am bùth-obrach sònraichte an dèidh saor-làithean an t-samhraidh.  Bidh sgioba de dhaoine le Gàidhlig a’ togail aire nan sgoilearan ris na diofar chothroman obrach a th’ ann do luchd-ionnsachaidh agus luchd-labhairt a’ chànain ann an iomadach gnìomhachas anns a bheil iad fhèin an sàs.

Thuirt an comhairliche Robin Currie, Ceannard Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid:

“Tha sinn dealasach a thaobh adhartachadh agus cleachdadh na Gàidhlig a bhrosnachadh air feadh na sgìre. Tha e air a bhith cudromach ann an eachdraidh Earra-Ghàidheal is Bhòid agus tha e riatanach dhuinn uile ceumannan a ghabhail gus taic a chumail ri soirbheas a’ chànain.

Tha an dàimh seo le Fèisean nan Gàidheal na dheagh eisimpleir air co-obrachadh le buidhnean gus Achd na Gàidhlig a thoirt gu buil a dhèanadh cinnteach mu àm ri teachd na Gàidhlig a neartachadh ann an Earra-Ghàidheal is Bòd.”

Le maoin chunbhalach bho Alba Chruthachail agus Bòrd na Gàidhlig, tha ceanglaichean coimhearsnachd aig Fèisean nan Gàidheal ri Tiriodh mar-tha, gu sònraichte tro Fhèis Thiriodh a tha am measg 47 Fèisean air feadh Alba a bhios a’ faotainn taic bhon bhuidhinn.

A bharrachd air sin, tha Fèisgoil air a bhith ag obair le Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid a’ lìbhrigeadh dà phròiseact anns na sgoiltean. Bha Blasad Gàidhlig, maoinichte le Co-bhanntachd nan Ùghdarrasan Ionadail an sàs ann am Foghlam Gàidhlig, a’ toirt taic do 10 sgoiltean ann an Earra-Ghàidheal far a bheil a’ chlann ag ionnsachadh na Gàidhlig mar chànan a bharrachd. Bha Treòir Voar Virr, pròiseact àrd-amasach air a thairgsinn air feadh eileanan na h-Alba agus air a mhaoineachadh le Riaghaltas na h-Alba, a’ toirt luchd-ealain cruthachail de gach seòrsa còmhla ri bun-sgoiltean anns na h-eileanan aca fhèin.

Thuirt Manaidsear Fèisgoil aig Fèisean nan Gàidheal, Eilidh NicCoinnich: “Tha sinn air leth toilichte a bhith co-obrachadh le Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid agus bhrosnaichinn muinntir na sgìre fios a chur thugainn ma tha eòlas aca air chànan agus cultar agus ma tha iad airson a dhol an sàs mar oide sa phrògram Tabhaich.  ‘S i obair pàighte a tha seo le cothrom air leth a bhith a’ conaltradh agus a’ co-obrachadh le luchd-labhairt na Gàidhlig anns na coimhearsnachdan eileanach seo, eadar luchd-tòiseachaidh agus feadhainn aig a bheil a’ Ghàidhlig bho thùs.”

Airson tuilleadh fiosrachaidh mu Tabhaich, cuiribh fios gu Manaidsear Fèisgoil Eilidh NicCoinnich air eilidh@feisean.scot.

Creative Scotland The Scottish Government Bòrd na Gaidhlig Highland Council Argyll & Bute Council William Grant Foundation We are a Living Wage Employer