Ceòl is cultar Gàidhealach ga chomharrachadh aig Blas 2023

Tillidh an fhèìs Ghàidhealach fad 9 làithean den t-Sultain

Nochdaidh cuid den luchd-ciùil is seinneadairean as motha spèis ann an Alba, leithid Ross Ainslie, Tim Edey, Jenna Chuimeanach, Ruairidh Gray, Eòghann MacEanraig agus Deirdre Ghreumach air an àrd-ùrlar ann an ionadan bhon Eilean Sgitheanach gu Àth Tharacaill san t-Sultain seo tighinn is Fèis Blas a’ tilleadh leis an taisbeanadh bhliadhnail de cheòl is cultar na Gàidhlig.

Bho 1 gu 9 Sultain 2023 cuiridh Fèis Blas an cèill cultar na Gàidhlig agus saoghal fallain an dual-chiùil Albannaich feadh naoi làithean de thachartasan ann an ionadan air feadh na Gàidhealtachd is nan Eilean agus am-bliadhna bidh 25 consairtean is cèilidhean ann, prògram foghlaim is choimhearsnachdan agus tairgse air loidhne anns am bi taighean-obrach, seiseanan òrain Ghàidhlig agus consairtean air an sruthadh beò.

Am-bliadhna tadhlaidh Blas, a tha air a chur air dòigh le Fèisean nan Gàidheal ann an co-bhoinn ri Comhairle na Gàidhealtachd, air grunn choimhearsnachdan air feadh an taobh tuath nam measg Inbhir Nis, Luirg, Geàrrloch, Bail’ a’ Chaolais a’ Chomraich, Port Rìgh, Cinn a’ Ghiùthsaich agus tuilleadh.  Cuiridh an fhèis cultar is dualchas saidhbhir na Gàidhealtachd an cèill le tachartasan a’ nochdadh measgan de dh’òrain eadar sean is ùr-nuadh, sgeulachdan agus co-obrachaidhean ann an caochladh ionadan eadar tallaichean baile is ionadan ealain, a’ tarraing luchd-èisteachd bho Alba is bho thall thairis.

Fosglaidh an fhèis le consairt sònraichte ann an Cathair-eaglais Inbhir Nis le dithist bhràithrean is pheathraichean, Peigi is Donaidh Barker à Inbhir Nis, agus dithist eile,Seumas is Caoimhe Uí Fhlatharta à Conamara air taobh an iar na h-Èirinn. Còmhla riutha bidh Binneas, còmhlan co-sheirm sa bheil seinneadairean Gàidhlig is dual-chiùìl bho air feadh na h-Alba, leis an t-seinneadair Gàidhlig Iain Iòsaph MacNìll air an ceann agus Jenna Chuimeanach, bana-sheinneadair Ghàidhlig à Inbhir Nis a tha air iomadh duais a chosnadh. 

Mar as àbhaist, bithear a’ comharrachadh co-là-breith grunn luchd-dualchais dha bheil spèis, nam measg an seinneadair is am fear-ciùil Leòdhasach Calum Màrtainn (70); Rita Nic an t-Sealgair, a bha na cùl-taic do mhòran den t-suim a dh’fhàs ann an dual-cheòl air a’ Ghàidhealtachd agus a bha, gu 2008, os cionn na buidhne ealain soirbheachail, Fèis Rois, a tha stèidhichte ann an Inbhir Pheofharain; Murchadh Iain MacCoinnich, seinneadair agus ball de chòmhlan mhelòdeon Nis, a tha gu bhith 80; agus am pìobaire iomraiteach à Gleann Ùige, an Dr. Aonghas Dòmhnallach, aig a bheil cliù air feadh an t-saoghail. Nochdaidh daoine gu math aithnichte air an àrd-ùrlar leithid Dhòmhnall Sheathaich, Malcolm Jones, Fionnlagh Dòmhnallach, Ali Hutton, Iain MacPhàrlain, Ailean Dòmhnallach agus mòran a bharrachd.

Thèid ceanglaichean eadar-nàiseanta a chur an cèill cuideachd san Tinne, leis a’ bhana-sheinneadair Sgitheanach, Anna Mhàrtainn, aig a cheann. Na thuras-ciùil de dh’aithne is de rèite, tha an Tinne a’ co-cheangal cruinneachadh de dh’òrain, de sgeulachdan is de rudan dèante à Tròndairnis thar nan linntean eadar Alba is Astràilia agus bha moladh mòr air an obair-chiùil chumhachdaich seo nuair a nochd i a’ chiad uair san Eilean Sgitheanach an-uiridh. Còmhla ri Anna bidh Anna Mhoireach, Anna-Wendy NicSteaphain, Ingrid NicEanraig, Hannah Moule agus Maggie Rigby airson cluich ann an Cruaidh, Ruigh Solais agus Inbhir Ìonaid. 

Bidh an ath-ghinealach de luchd-ciùil a’  cluich do luchd-èisteachd air feadh na fèise, nam measg luchd-ciùil bho Fhèis Eilean an Fhraoich, Fèis Thròndairnis, Fèis nan Garbh Chrìochan, Fèis an Earraich, Fèis Inbhir Narainn, Fèis Spè, Fèis Lochabair and Fìdhlearan Chill Tighearna aig Fèis Rois, a’  crìochnachadh le consairt dheireannach Ceòl nam Fèis ann an Loch Abar gus 30 bliadhna de dh’ fhèis an àite sin fhèin a chomharrachadh. Thig òigridh nam Fèisean còmhla bho air feadh na dùthcha airson an tàlant òg againn fhìn a shealltainn.

Gach bliadhna thèid obair-chiùil ùr-nuadh a chluich airson a’ chiad uair aig Fèis Blas agus am-bliadhna ‘s ann bhon Abrach ioma-ionnstramaideach, Eòghann MacEanraig, a tha e. ‘S e mìr ùr nuadh annasach a tha ann an Lèirsinn, a rinneadh am measg caimhleachadh siubhail ri linn galar Còbhad-19, ‘s a rannsaicheas mar a dhèiligeas is mar a fhreagras daoine air na h-àiteachan is na dreachan-tìre mun cuairt orra agus mar a tha seo gu ìre air a chumadh leis a’ mhac-meanmna. Aig na cluichean, còmhla ri Eòghann bidh luchd-ciùil ainmeil leithid Megan NicEanraig, Hamish Napier, Innes MacBhàtair, Iain MacPhàrlain agus Su-a-Lee ann an Inbhir Narann, sa Phloc agus ann an Cinn a’ Ghiùthsaich.

Am measg nam prìomh-chonsairtean Blas eile am-bliadhna tha am fear a fhuair Bonn Òr a’ Mhòid Ruairidh Gray còmhla ri Raibeart Nairn, ann an Cille Mhoire is ann an Inbhir Garadh; Teàrlach MacCéirin bho Chapercaillie, am pìobaire Ross Ainslie, Tim Edey agus Marc MacLaghmainn ann an Àth Tharacail agus am Bail’ a’ Chaolais; na seinneadairean Gàidhlig Darren MacIlleEathain, Màiri Callan còmhla ri Iain MacMhaighstir ann an Dùn Bheagan agus an Gleann Eilg; agus Deirdre Ghreumach còmhla ris an Triùir aig Greum MacCoinnich san Drochaid Ruaidh is air a’ Chomraich.

Thuirt Calum Ailig MacMhaolain aig Fèisean nan Gàidheal a’ bhuidheann a bhios a’ cur air dòigh Fèis Blas: “A dh’aindheoin duilgheadas chosgaisean a tha a’ sìor-èirigh agus lùghdachadh maoineachaidh, tha sinne a’ toirt gu buil ar gealltanais tachartasan ciùil sàr-mhath a thoirt do choimhearsnachdan air feadh na Gàidhealtachd, an co-bhoinn ri ar com-pàirtichean, nam measg prìomh-thaic na fèise, Comhairle na Gàidhealtachd. Tha sinn anabarrach taingeil às an taic leantainneach bho ar luchd-taice agus tha sinn an dòchas gun còrd na riochdaicheas sinn de chultar Ghàidhealach ri luchd-èisteachd air feadh na Gàidhealtachd is nan Eilean.”

Thuirt Siobhan Nic Anndrais, Oifigeach Ciùil Alba Chruthachail: “Tha clàr Blas 2023 loma-làn tachartasan inntinneach annasach. Ruigidh i a h-uile cùil den Ghàidhealtachd is de na h-Eileanan is fosglaidh i saoghal beothail ealan is cultar na Gàidhlig ann an Alba gus gum meal barrachd dhaoine e. Thèid a’ chluich mhìorbhaileach aig luchd-ealain is comainn mar aon a chomharrachadh tro chonsairtean a’ sealltainn meas is spèis do luchd-ealain an dualchais a stèidhich bunaitean an luchd-ciùil an latha an-diugh. Biathaidh coimiseanan ùra agus consairtean le fèisean ionadail luchd-ealain an latha a-màireach agus bheir e toileachas do luchd-èisteachd air feadh na mòr-roinne.”

Thuirt Brian Ó hEadhra, Manaidsear Chom-pàirteachasan is Leasachaidh aig Bòrd na Gàidhlig: “Tha sinne toilichte taic a chumail ri Fèis Blas aon uair eile ann a bhith a’ cur ri mealtainn ceòl is cultar na Gàidhlig. Tron chom-pàirteachas againn ri Fèisean nan Gàidheal, tha Bòrd na Gàidhlig an geall air cànain na Gàidhlig fhèin fhilleadh tron fhèis, a’ dèanamh cinnteach gun cuirear a dìleab is a dualchas saidhbhir an cèill don luchd-èisteachd fad is farsaing.”

Gheibhear làn-chlar nam prìomh thachartasan aig www.blas.scot le fiosrachadh air mar a ghabhas tiocaidean a cheannach.

Creative Scotland The Scottish Government Bòrd na Gaidhlig Highland Council Argyll & Bute Council William Grant Foundation We are a Living Wage Employer