Tha Fèisean nan Gàidheal gu math toilichte gun robh samhradh gu math trang againn le fèisean agus tachartasan-coimhearsnachd a’ tachairt air feadh Alba. Anns a’ chiad sheachdain de na làithean-saora bha fèisean aig Fèis Chataibh (Cataibh), Fèis Eilean Na Hearadh (Na Hearadh), Fèis na h-Òige (Inbhir Nis), Fèis Thiriodh (Tiriodh), Fèis Tìr an Eòrna (Uibhist a Tuath) agus Fèis Eige (Eige). San dàrna sheachdain, eadar an 10mh agus an 14mh dhen Iuchar bha fèisean aig Fèis Bharraigh (Barraigh), Fèis nan Garbh Chrìochan (Na Garbh-Chrìochan) agus Fèis Tìr a’ Mhurain (Uibhist a Deas). A’ leantainn sin, bha fèisean a’ gabhail àite aig Fèis air an Oir (Am Blàran Odhair), Fèis Phàislig (Pàislig), Fèis Eilean an Fhraoich (Steòrnabhagh), Fèis Thròndairnis (Tròndairnis) agus Fèis Arainn (Arainn). Eadar an 31mh dhen Iuchar agus an 4mh dhen Lùnastal bha fèisean aig Fèis an Rubha (An Rubha), Fèis Lannraig a Tuath (Comar nan Allt) agus Fèis Lochabair (An Gearasdan).

Às dèidh beagan bhliadhnaichean sàmhach le riaghailtean Covid a’ cur stad air iomadach pròiseact, tha sinn gu math toilichte na Fèisean fhaicinn beò a-rithist agus le àireamh chom-pàirtichean gu math fallainn aig na fèisean air fad. As dèidh beàrn de bheagan bhliadhnaichean tha sinn air bhioran gum bi Fèis an Iar Thuath air ais le tachartas air Disathairne an 2mh dhen t-Sultain ann an Talla Ach Ille Bhuidhe. Tha sinn a’ deanamh fiughair ri Fèis Spè (Bàideanach is Srath Spè) agus Fèis a’ Bhaile (Inbhir Nis) san Dàmhair agus bidh tabhartas aig Fèis Thatha (Obair Pheallaidh) san t-Samhain.

Tha pròiseact Fuaran a’ ruith an-dràsta cuideachd agus buidheann de sianar, eadar aois 16-25, a’ clàradh ann an Cromba aig deireadh an Lùnastail. ’S e pròiseact-dualchais a th’ ann am Fuaran a chuir Fèisean nan Gàidheal air dòigh gus ginealach ùr de sheinneadairean agus luchd-labhairt na Gàidhlig a bhrosnachadh gus òrain Ghàidhlig às na sgìrean aca fhèin a rannsachadh agus a chruinneachadh. Bidh na seinneadairean a’ faighinn cothrom a chlàradh le sgioba proifeiseanta agus bidh bùthan-obrach aca cuideachd le Julie Fowlis, Eamon Doorley agus Eòghann MacEunraig.
Le maoineachadh bhon sgeama Colmcille aig Bòrd na Gàidhlig bidh sinn ag obair ann an co-bhonn le buidhnean ann an Èirinn air iomlaid airson òigridh le Gàidhlig eadar 14-18 bliadhna a dh’aois. Bidh bùthan-obrach ciùil agus cànain mar phàirt dhen iomlaid chultarail a tha seo agus cuideachd seiseanan-ciùil neo-fhoirmeil agus taisbeanaidhean.


