Fèis an Iar Dheas – buill comataidh a-dhìth

Tha Fèis an Iar Dheas a’ sireadh taic le bhith a’ stiùireadh na Fèis bliadhnail, far an toirear cothrom don òigridh ionnsramaid a thogail agus deireadh-seachdain de Dhual-cheòl is de dh’Òrain Ghàidhlig a mhealtainn.

‘S e cothrom a tha ann am Fèis do dhaoine tighinn còmhla gus sgilean a leasachadh sna h-ealain Ghàidhealach – seinn, dannsadh, dràma agus dual-cheòl air caochladh ionnsramaidean agus tha an teagasg furasta is spòrsail ach proifeiseanta is èifeachdach. ‘S i Fèis an Iar Dheas an Fhèis as fhaide deas ann an Alba agus tha i ga stiùireadh le comataidh de shaor-thoilich ionadail a tha dealasach is dìleas is a dh’oibricheas airson dèanamh cinnteach gum faigh uimhir a dh’òigridh ionadail ’s a ghabhas dòigh air dual-cheòl a chluich.

Cluichidh an Fhèis an Iar pàirt dheatamach ann a bhith a’ glèidheadh is a’ brosnachadh cultar, cànain is ceòl Gàidhealach agus a’ tabhann dòigh air eòlas is sgilean dualchasach a thoirt seachad bho ghinealach gu ginealach. Bheir an Fhèis a’ choimhearsnachd còmhla agus misnichidh i faireachadh de bhuinteanas is de cho-fhèin-aithne eadar an òigridh a tha a’ fuireach san àite agus seanchaidhean is luchd-ciùil ionadail.

Am measg nan oidean a bha aig an Fhèis roimhe bha Emily Nic a’ Ghobhainn, Seumaidh MacIllFhinnein, Mischa Nic a’ Phearsain, Kim Ní Chearnaigh agus Artair Donald. Ged a tha an teagasg aig sàr-ìre phroifeasanta, ’s ann a tha am prìomh-chudrom air spòrs is tlachd agus gun còrd an gnothach ris an òigridh. Chan eil feum agad air a’ Ghàidhlig airson a bhith an lùib na Fèis ach chan urrainn dhuinn gealltainn dhut nach fhàg thu thu gun beagan a thogail! Tha inbhe na Gàidhlig a’ fàs ann an Dùn Phris is Gall-Ghàidhealaibh agus ’s i an Fhèis dòigh fhurasta air a dhol na còir is an tuilleadh ionnsachadh.

Gabhaidh an ath-Fhèis àite san Iuchar 2024 agus tha a’ chomataidh a’ sireadh tuilleadh bhuill an-dràsta airson dèanamh cinnteach gun tachair i le cinnt. Bidh a’ chomataidh a’ coinneachadh mu cheithir uairean sa bhliadhna, le tuilleadh choinneamhan cunbhalach sna seachdainean goirid ro sheachdain na Fèis fhèin. Chan urrainn don Fhèis tachairt mura bi saor-thoilich gu leòr ann airson cuideachadh leinn. Gabhaidh sinn ri tairgsean cuideachaidh sam bith, air cho beag no mòr ’s a bhiodh iad.

Ma tha thusa den bheachd gum bu toigh leat taic a chumail ris an Fhèis, feuch gun tig thu don ath-choinneamh 08/10/2023 aig 7f airson tuilleadh fhaighinn a-mach. Cha bhi uallach ort dreuchd oifigich a ghabhail os làimh, ach tha feum air comataidh gus an Fhèis a leasachadh agus dèanamh cinnteach à riochd nan tachartasan san àm a tha romhainn.

Creative Scotland The Scottish Government Bòrd na Gaidhlig Highland Council Argyll & Bute Council William Grant Foundation We are a Living Wage Employer