Fealla-dhà a’ dol gu fealla-trì is Meanbh-chuileag a’ sgrùdadh rùn-dìomhar nan Eilean Flannach

As t-fhoghar, bidh Fèisean nan Gàidheal a’ cur dithis chleasaichean – Artair Donald (OMC!, Outlander, Màiri Mhòr) agus Raonaid Cheanadach (Eilbheas, An Clò Mòr) – air chuairt a’ lìbhrigeadh 37 taisbeanaidhean dràma cuide ri bùithtean-obrach air feadh na dùthcha a’ cnuasachadh air rùn-dìomhair a th’ air mairsinn fad còrr is ceud bliadhna. 

Bidh a’ chuairt thairis air ceithir seachdainean ag amas air sgoilearan aig ceann shuas na bun-sgoile le sgeulachd call luchd-glèidhidh an taighe-sholais anns na h-Eileanan Flannach aig toiseach an 20mh linn.

Fhuair gach sgoil a bhios a’ tabhann foghlam tron Ghàidhlig cothrom ùidh a chlàradh ann am pròiseactan dràma na buidhne agus thèid cuairtean a chur air dòigh stèidhichte air iarrtas nan sgoiltean rè 2023-24.

Thuirt Eilidh NicCoinnich, Manaidsear Fèisgoil: “Tha Fèisean nan Gàidheal air an dòigh glan leis an ìre de dh’ùidh a sheall sgoiltean anns na cothroman dràma a bhios sinn a’ tabhann tro ar cuairtean. Tha e cho cudromach gum bi luchd-labhairt òga na Gàidhlig a’ faicinn thaisbeanaidhean dràma beò tro mheadhan na Gàidhlig agus, tro Mheanbh-chuileag, chì sgoilearan an Dàrna Ìre dealbh-chluich a chaidh a sgrìobhadh a dh’aona-ghnothach agus a dhol an sàs ann am bùth-obrach dràma às dèidh làimh. Tha dràma na innleachd air leth cudromach gus aire dhaoine òga a tharraing do na h-ealain agus an cuid misneachd is sgilean cànain a neartachadh. Tha sinn gu mòr an comain ar luchd-maoineachaidh, Bòrd na Gàidhlig agus Alba Chruthachail, airson an taic na cothroman seo a thoirt do chleasaichean Gàidhlig neo-cheangailte agus don chloinn.”

Thuirt Ealasaid Dhòmhnallach, Ceannard Bhòrd na Gàidhlig:  “Tha sinne aig Bòrd na Gàidhlig glè thoilichte gun tèid na seiseanan seo a ruith a’ tabhann cothrom cho math do dhaoine òga air feadh na dùthcha. Chan e a-mhàin gu bheil bùithtean-obrach mar seo a’ toirt buaidh mhòr air am misneachd, ach tha iad air leth spòrsail agus na dheagh chothrom dhaibh Gàidhlig a chluinntinn agus a chleachdadh ann an diofar shuidheachaidhean taobh a-muigh an t-seòmair-chlas.”

Airson tuilleadh fiosrachaidh mu Meanbh-chuileag agus ar n-obair drama sna sgoiltean, cuiribh fios air Oifigear Dràma, Aonghas MacLeòid air angus@feisean.scot

Creative Scotland The Scottish Government Bòrd na Gaidhlig Highland Council Argyll & Bute Council William Grant Foundation We are a Living Wage Employer