Àbhachdas na Nollaige do sgoilearan Gàidhlig

Tha an Nollaig a’ teannadh oirnn agus, air 27 An t-Samhain, bidh triùir chleasaichean a’ falbh air an rathad fad ceala-deug le Calum Anndra a’ Chòta Dheirg, Panto Gàidhlig Fèisean nan Gàidheal. Bidh Artair Donald (OMC!, Outlander, Màiri Mhòr), Raonaid Cheanadach (Eilbheas, An Clò Mòr agus Fearghas Rothach (Three at Table, The Gaelic King) a lìbhrigeadh 17 taisbeanaidhean le ceòl, gluasad is fealla-dhà na fèille le do 23 sgoiltean.

A bharrachd air taisbeanaidhean nan sgoiltean, gheibh coimhearsnachd Inbhir Nis cothrom am Panto fhaicinn ann an Eden Court (Seòmar Mhic Illeathain) Diardaoin 30 An t-Samhain aig 7f. Gheibh coimhearsnachdan Uibhist an aon chothrom Diciadain 6 An Dùbhlachd aig 6f aig Cnoc Soilleir ann an Dalabrog. Bidh na taisbeanaidhean poblach seo saor an-asgaidh don chloinn ach le tabhartasan ga thoirt aig an doras.

Thuirt Eilidh NicCoinnich, Manaidsear Fèisgoil: “Bidh tèatar beò a’ neartachadh tuigse cànain agus bidh abairtean air an ath-aithris gam fighe fhèin a-steach do dh’eanchainn òga. Ach, a cheart cho cudromach, tha clann ann an am foghlam Gàidhlig – agus an luchd-teagaisg aca – airidh air beagan spòrs, gu h-àraidh aig an àm seo den bhliadhna.  Bu mhath leinn taing a thoirt do ar luchd-maoineachaidh air fad, Bòrd na Gàidhlig agus Alba Chruthachail nam measg, agus tha e a’ toirt toileachas mòr dhuinn panto a thabhann do sgoiltean nan Eilean Siar agus na Gàidhealtachd am-bliadhna, lei dùil sgìrean eile eile a ruighinn sna bliadhnaichean a tha romhainn.”

Thuirt Ealasaid Dhòmhnallach, Ceannard Bhòrd na Gàidhlig: “Tha sinn air leth toilichte gun till am Panto Gàidhlig am-bliadhna agus gum faigh daoine air feadh na dùthcha tlachd às. Tha na h-ealain agus dràma nan deagh dhòigh do dhaoine òga a dhol an sàs sa Ghàidhlig ann an suidheachaidhean spòrsail is neo-fhoirmeil, agus dè tha nas spòrsail agus neo-fhoirmeil na Panto?”

Airson tuilleadh fiosrachaidh mun Phanto agus ar n-obair drama sna sgoiltean, cuiribh fios air Oifigear Dràma, Aonghas MacLeòid air angus@feisean.scot

C-D Raonaid Cheanadach, Fearghas Rothach agus Artair Donald.
Creative Scotland The Scottish Government Bòrd na Gaidhlig Highland Council Argyll & Bute Council William Grant Foundation We are a Living Wage Employer