Clàraidhean ùra air am foillseachadh tro Fhuaran

Thèid deich òrain Ghàidhlig a bharrachd a chur ris a’ ghoireas air-loidhne, Fuaran, pròiseact dualchais a stèidhich Fèisean nan Gàidheal bho chionn beagan bhliadhnaichean gus ginealach ùr de sheinneadairean agus luchd-labhairt na Gàidhlig a bhrosnachadh òrain Ghàidhlig nan sgìrean aca fhèin a rannsachadh agus a chruinneachadh.

Ghabh sianar eadar 16 agus 25 bliadhna a dh’aois pàirt anns a’ cheathramh sreath den phròiseact. Chuir iad 10 clàraidhean air dòigh a tha a-nise nam pàirt de stòras sa bheil còrr is 100 òran a tha na ghoireas luachmhor do na Fèisean ionadail agus do dhuine sam bith le ùidh ann an òrain Ghàidhlig. ‘S iad Shannon NicIlleathain (Muile), Mirren Ward (Glaschu), Iris NicLeòid (Dùn Èideann), Caitlin Yule (Comar nan Allt), Aileas NicLeòid (An t-Eilean Sgitheanach) agus Eilidh Nic a’ Phì (Inbhir Nis) a rinn an rannsachadh agus a ghabh na h-òrain.

Rinn na seinneadairean rannsachadh anns na coimhearsnachdan aca fhèin gus barrachd fhaighinn a-mach mu sgeul nan òran. Thairis air sia mìosan, fhuair iad cothrom sgilean a thogail bho eòlaichean a leithid Màiri NicPhàidein, Ceitlin Lilidh agus Gillebrìde MacIlleMhaoil a bha feumail dhaibh an cuid rannsachaidh a dhèanamh.

A thuilleadh air sin fhuair iad taic leantainneach bho Jo NicDhòmhnaill leis na h-òrain a thagh iad agus chuidich Deirdre Ghreumach an ullachadh airson clàradh. Chaidh na clàraidhean a dhèanamh le Barry MacIlleRuaidh nuair a chruinnich na seinneadairean ann an Cromba san Lùnastal. Thairis air deireadh-sheachdain san t-Seann Taigh-grùdaidh aig Urras Ealain Chrombaidh, ghabh na seinneadairean pàirt ann am bùithtean-obrach le Julie Fowlis, Eamon Doorley agus Eòghann MacEunraig. Chuala iad bho chàch a chèile mun rannsachadh a rinn iad agus bha cothrom aca seinn còmhla.

Ro dheireadh na bliadhna chaidh bhideothan de na h-òrain a chlàradh le Iain MacDiarmid san Ubiquitous Chip ann an Glaschu agus bha iad air an deasachadh an uair sin le Zoe Patterson NicAonghais.

Dh’innis Eilidh Nic a’ Phì mun eòlas a fhuair ise:

“Chòrd e rium a bhith an sàs ann am Fuaran am-bliadhna leis gun tug e dhomh cothrom rannsachadh a dhèanamh agus òrain a lorg, nach bithinn air fhaighinn às aonais.”

Thuirt Oifigear Leasachaidh Fèisean nan Gàidheal, Abi NicIlleRuaidh, a bha stìùireadh a’ phròiseict:

“Bha e na thlachd obair a dhèanamh air Fuaran le buidheann cho snog. Chòrd e rium gu mòr mar a thàinig an rannsachadh aca ri chèile beag air bheag thairis air na mìosan agus bha fìor deagh dheireadh-sheachdain againn ann an Cromba san Lùnastal. Tha mi cho toilichte na bhideothan fhaicinn air-loidhne a-nise agus tha mi an dòchas gu bheil na seinneadairean air leth pròiseil às na rinn iad!”

“Tha Fèisean nan Gàidheal gu mòr an comain gach seinneadair a ghabh pàirt ann am Fuaran ann an 2023. Bidh na h-òrain a chlàraich iad agus am fiosrachadh nan cois a’ cur gu mòr ri tasglann Fuaran. Tha sinn cuideachd taingeil do Bhòrd na Gàidhlig agus Alba Chruthachail airson an cuid maoineachaidh a thug dhuinn an cothrom Fuaran a chur air dòigh.”

Thuirt Ealasaid Dhòmhnallach, Ceannard Bhòrd na Gàidhlig:

“Tha pròiseactan leithid Fuaran air leth chudromach do chultar na Gàidhlig. Tha e deatamach gum bi daoine òga air am brosnachadh gu bhith ag ionnsachadh mu òrain agus ceòl Gàidhlig, gu h-àraidh òrain a chaidh a sgrìobhadh sna coimhearsnachdan aca fhèin agus mu na h-àiteachan mun cuairt orra. Tha e na fìor deagh bhuannachd gun tèid clàradh a dhèanamh air na h-òrain cuideachd, a’ toirt cothrom dhuinn uile èisteach riutha.”

Bidh na clàraidhean ri fhaotainn aig www.feisean.org/fuaran 19.02.24 (Seachdain na Gàidhlig)

Bidh Fèisean nan Gàidheal a’ gabhail iarrtasan airson Fuaran 2024 a dh’aithghearr. Cumaibh sùil air ar làrach-lìn agus meadhanan-sòisealta airson barrachd fiosrachaidh.

Creative Scotland The Scottish Government Bòrd na Gaidhlig Highland Council Argyll & Bute Council William Grant Foundation We are a Living Wage Employer