Sgeulachdan Gàidhlig à Leòdhas air an toirt seachad don ath-ghinealach tro ghoireas ùr

Tha dà sgoil ann an taobh siar Leòdhais air pàirt a ghabhail bho chionn goirid ann am Beairteas, prògram a th’ air a lìbhrigeadh le Fèisean nan Gàidheal far am bi luchd-labhairt na Gàidhlig sa choimhearsnachd a’ tadhal air sgoiltean agus buidhnean coimhearsnachd gus an cuid sgilean cànain a neartachadh. An teirm seo chaidh, chaidh sgeulachdan is rannan traidiseanta a theagasg do sgoilearan Bhreascleit agus Shiaboist tro bheul-aithris, mar a chleachd anns a’ Ghàidhlig, is iad air stiùireadh lèirsinneach a chruthachadh a thèid còmhla ris na sgeulachdan seo, a’ taisbeanadh nan tionndaidhean tro dhealbhan ealanta. Thathar an dòchas gun tèid na sgeulachdan ionadail a ghlèidheadh agus a chumail air cuimhne anns an dòigh air leth tarraingeach seo.

Cuide ri bhith air tuigse na bu dhoimhne fhaighinn air beul-aithris na sgìre, tha goireas ùr air nochdadh mar thoradh air ionnsachadh nan sgoilearan. Às leth gach sgoilear a ghabh pàirt, stiùiriche a’ phròiseict Christine NicLeòid agus oide Donna Barden, tha Fèisean nan Gàidheal air an dòigh Sgeulachdan, Rannan & Tòimhseachain an Taobh Siar a chur air bhog, cruinneachadh de chriomagan beul-aithris taobh siar Eilean Leòdhais a bheir blasad de dhualchas bheairteach na sgìre.

Thuirt stiùiriche a’ phròiseict, Christine NicLeòid: “B’ iad amasan na pròiseict sgilean cainnt na cloinne a neartachadh agus dualchainnt na sgìre a chleachdadh.  Bha sinn airson ùidh a thogail ann an sgeulachdan bho dhualchas nan Gàidheal, sgeulachdan na sgìre agus sgeulachdan tionalach le pàtrain a bha furasta cuimhneachadh. Cuideachd, lorg sinn sgeulachdan a chuireadh ris na pròiseactan a bha na sgoiltean a’ dèanamh – biadh, croitearachd agus an aimsir.

Dh’ionnsaich an dà sgoil tòimhseachain agus sgeulachdan eadar-dhealaichte agus air an t-seachdain mu dheireadh, choinnich iad ri chèile agus dh’innis iad na sgeulachdan aca.  Choinnich gach sgoil cuideachd ri pàrantan agus buidheann de sheann dhaoine às an sgìre aca fhèin agus dh’innis iad na sgeulachdan a dh’ionnsaich iad, agus chuala iad tuilleadh sgeulachdan bhon na seann dhaoine mu làithean an òige.”

Thug Eilidh NicCoinnich, Manaidsear Fèisgoil, iomradh air luach a’ phròiseict: “Tha pròiseactan a bhios a’ neartachadh freumhan cloinne nam bailtean fhèin air leth cudromach agus tha sinn fada an comain Comunn Eachdraidh an Taobh Siar agus Christine agus Donna airson am pròiseact luachmhor seo a lìbhrigeadh. Bidh glèidheadh dualchainnt, blas-cainnte agus eileamaidean àraid don chànan san sgìre a’ cur ri beairteas Gàidhlig na cloinne agus a’ leigeil leis na sgeulachdan seo agus an dòigh-innse mairsinn airson co-dhiù ginealach eile.”

Chaidh na sgoilearan a chlàradh ag innse an cuid sgeulachdan le Keith Moireasdan à Wee Studio ann an Leòdhas agus tha na bhidiothan, cuide ris na sgeulachdan sgrìobhte agus stiùireadh lèirsinneach na cloinne, a-nis ri fhaotainn air làrach-lìn Fèisean nan Gàidheal.

Airson tuilleadh fiosrachaidh mu dheidhinn Beairteas, cuiribh fios air Manaidsear Fèisgoil Eilidh NicCoinnich aig eilidh@feisean.scot.

Creative Scotland The Scottish Government Bòrd na Gaidhlig Highland Council Argyll & Bute Council William Grant Foundation We are a Living Wage Employer