Clasaichean seachdaineil traidiseanta a h-uile Disathairne ann an Sruighlea

Is e Fèis cothrom do dhaoine òga tighinn còmhla gus na sgilean aca sna h-ealain Gàidhlig a leasachadh. Tha an teagasg neo-fhoirmeil agus spòrsail. Chan fheum Gàidhlig a bhith agad idir airson pàirt a ghabhail agus chan fheum thu ionnsramaid sam bith a chluich mar-thà nas motha. Tha Fèis Fhoirt air a bhith a’ lìbhrigeadh chothroman Gàidhlig do dhaoine òga ann an Siorrachd Shruighlea, An Eaglais Bhreac agus Siorrachd Chlach Mhannan fad fichead bliadhna. Thòisich an Fhèis ann an 2004 le Fèis ann an Àrd-sgoil Ualais agus tha i air fàs gu bhith a’ tabhainn dà Fhèis sa bhliadhna agus clasaichean seachdaineil gach Disathairne aig Tolbooth Stirling.

Tha na clasaichean seachdaineil aig Fèis Fhoirt fosgailte do dhaoine òga aois 8-18. Tha clasaichean air an fhidhill, bogsa-ciùil, giotàr agus air a’ chlàrsaich a’ ruith a h-uile seachdain tron teirm-sgoile. Bidh na clasaichean a’ cosg £10 gach seachdain airson uair air ionnsramaid agus uair seinn sa Ghàidhlig. Gheibhear clasaichean aig ìre luchd-tòiseachaidh agus eadar-mheadhanach do dh’òigridh a bhios a’ cluich mar-thà. Bidh na compàirtichean a’ leasachadh an cuid sgilean agus tàlantan a h-uile seachdain, ach tha e cudromach gum bi spòrs aca agus gum faigh iad tlachd aiste cuideachd.

Mar a thig na compàirtichean air adhart agus gum fàs iad nas misneachaile air na h-ionnsramaidean aca agus a bhith a’ seinn sa Ghàidhlig, bidh barrachd chothroman ri fhaotainn dhaibh a bhith a’ cluich le compàirtichean eile agus a bhith mar phàirt dhe Chòmhlan Cèilidh Fèis Fhoirt. Gheibh iad cothrom cluich aig tachartasan gu h-ionadail agus barrachd ionnsachadh mu bhith a’ cur chuirmean air dòigh agus a’ cluich air àrd-ùrlar. ’S e rud luachmhor a th’ ann a bhith a’ cluich ceòl le daoine eile agus tha na cothroman sin a’ toirt brosnachadh agus toileachas dhan òigridh a bhios a’ gabhail pàirt.

Ged nach fheum Gàidhlig a bhith agad airson pàirt a ghabhail anns na clasaichean, ’s e tachartas Gàidhlig a th’ anns an Fhèis agus ionnsachaidh gach compàirtiche beagan Gàidhlig anns na clasaichean aca, is gheibh iad uile clas seinn sa Ghàidhlig mar phàirt dhen Fhèis. Fàsaidh na compàirtichean nas eòlaiche air ceòl traidiseanta agus cultar na Gàidhlig tro na clasaichean seo is bidh tuigse nas fheàrr aca air cuiridh iad luach nas motha ann an cultar na h-Alba.

Tha an Fhèis air a ruith le comataidh dìcheallach de shaor-thoilich a bhios a’ cruinneachadh air-loidhne agus uaireannan aghaidh-ri-aghaidh gus na clasaichean agus na tachartasan eile a chumail a’ dol. Bidh fàilte air duine sam bith aig a bheil ùidh, gu h-àraidh ma bhios sgilean sònraichte agad a bhios taiceil dhan Fhèis no ma bhios ùidh agad ann an ceòl traidiseanta. Gheibhear trèanadh sam bith a bhios a dhìth ort, leithid ciad chobhair no trèanadh Gàidhlig. Chan fheum thu a bhith saor airson a h-uile tachartas airson a dhol an sàs anns a’ chomataidh ach tha e cudromach gu bheil thu airson taic a thoirt do dh’òigridh na sgìre ann a bhith a’ faotainn barrachd chothroman ceòl traidiseanta ionnsachadh. Ma bhios ùidh agad idir ann a bhith a’ toirt taic do chomataidh Fèis Fhoirt, cuir fios gu feisfhoirt@feisean.scot.

Bidh an ath-theirm de chlasaichean aig Fèis Fhoirt a’ tòiseachadh aig Tolbooth Stirling air 20 An Giblean 2024. Ma bhios tu airson àite a ghleidheadh aig na clasaichean airson compàirtiche aois 8-18 no ma bhios ceistean sam bith agad mu na clasaichean no an Fhèis san fharsaineachd, cuir fios gu feisfhoirt@feisean.scot.

Creative Scotland The Scottish Government Bòrd na Gaidhlig Highland Council Argyll & Bute Council William Grant Foundation We are a Living Wage Employer