Siorcas sna sgoiltean le turas dràma do na tràth bhliadhnaichean

Tha Fèisean nan Gàidheal air ais air an rathad le pròiseact dràma beòthail ag amas air na Tràth Ìrean ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig is a’ cur fàilte orra do shaoghal iongantach, annasach le Hùb Hàb aig an t-Siorcas. Fad chola-deug bho Dhiluain 13 An Cèitean, gheibh sgoilearan òga ann an 13 ùghdarrasan ionadail air feadh Alba cothrom a dhol an sàs anns a’ bhùth-obrach eadar-ghnìomhail seo is cuid aca a’ feuchainn air sgilean siorcais sònraichte.

Aig cridhe an turais tha Hùb Hàb, caractar spòrsail air a chruthachadh le Fèisean nan Gàidheal a tha air meas mòr a choisinn thairis air na bliadhnaichean am measg na h-òigridh le dealbhan-cluiche a leithid Hùb Hàb anns a’ Ghàrradh, Ri Fuine ‘s Fealla-dhà, Cuairt Bheag agus Seirm na Sìde. Am-bliadhna, thèid an caractar a chluich le Kit Rodman-Orr, oide, cleasaiche siorcais agus stiùiriche à Comar nan Allt. Bidh na sgoilearan òga air an stiùireadh le spionnadh is dealas Kit is iad ag ionnsachadh mu na diofar rudan a chithear aig an t-siorcas.

A’ bruidhinn mun turas, thuirt Kit: “Tha mi a’ coimhead air adhart gu mòr ris an turas seo, is e na dheagh chothrom dhan luchd-amhairc òga a bhith air am bogadh ann an Gàidhlig tro cheòl, gluasad, agus spòrs sònraichte an t-siorcais.”

Chaidh òrain ùr a chruthachadh airson an turais le Aonghas MacLeòid, Oifigear Dràma Fèisean nan Gàidheal, a dhealbhaich am bùth-obrach eadar-ghnìomhail. Bheir na h-òrain seo taic don òigridh ann a bhith a’ togail briathrachas ùr agus gheibh iad cothrom na faclan ùra a chleachdadh agus a chumail air cuimhne tro na gnìomhan a bhios an cois a’ bhùth-obrach. Cuide ri òrain tharraingeach, bidh goireas de chur-seachadan ri fhaotainn air làrach-lìn Fèisean nan Gàidheal co-cheangailte ris a’ chuspair gus tuilleadh chothroman a thoirt dhon chloinn am briathrachas a dhaingneachadh.

Thuirt Ealasaid NicDhòmhnaill, Ceannard Bhòrd na Gàidhlig: “Tha e math gu bheil an cothrom seo gu bhith ann do chlann air feadh na dùthcha bogadh fhaighinn ann an Gàidhlig ann an dòigh cruthachail is spòrsail. Tha e air leth cudromach gum faigh clann cothroman mar seo cho tric ’s a ghabhas.”

Airson tuilleadh fiosrachaidh mu Hùb Hàb agus ar n-obair dràma anns na sgoiltean, cuiribh fios air Oifigear Dràma Aonghas MacLeòid air angus@feisean.scot.

Creative Scotland The Scottish Government Bòrd na Gaidhlig Highland Council Argyll & Bute Council William Grant Foundation We are a Living Wage Employer