Tha cothrom ann tagradh a dhèanamh airson duais £750 bho Urras a tha ag amas air a h-uile meur is taobh de chultar na Gàidhlig a bhrosnachadh, cho math ri foghlam ann an Gàidhlig, agus tron Ghàidhlig.
Tha Urras Foghlam Dhòmhnaill Iain MhicAidh a’ tabhann duais bhliadhnail mar chuimhneachan air an obair ionmholta a rinneadh le Dòmhnall Iain às leth na Gàidhlig agus leasachaidhean gnìomhachais air feadh na Gàidhealtachd agus nan Eilean. Thèid an duais a lìbhrigeadh le Fèisean nan Gàidheal às leth an urrais agus chaidh cothrom 2024 fhoillseachadh le 1mh Samhain na cheann-latha airson thagraidhean.
Thuirt Donna Shiosalach bho Urras Dhòmhnaill Iain: “Thathar a’ brosnachadh bheachdan cruthachail air mar a ghabhadh tagradh a dhèanamh a fhreagras air aonan, no barrachd, de dh’amasan farsaing an urrais a chaidh a stèidheachadh mar chuimhneachan air m’ athair. Dh’fhaodar tagradh a dhèanamh airson leudachadh a thoirt air obair a tha a’ dol air adhart mar-thà, ma dh’fhaoidte co-cheangailte ri cùrsa no obair-sgoile, no dh’fhaodar obair gu tur ùr a mholadh. Tha am foirm-tagraidh cho sìmplidh ‘s a ghabhas, le dìreach beagan cheistean ri fhreagairt, agus bhitheamaid an dòchas gun cuidicheadh an duais le ionnsachadh no tionnsgainneachd an tagraiche soirbheachail.”
Thathar a’ sireadh thagraidhean bho sgoilearan fa leth an ceann shuas na h-àrd sgoile – S5 no S6 – cho math ri oileanaich an Alba ann am foghlam, pàirt-ùine no làn-ùine, aig ìre adhartach no àrd, no a tha ag obair a dh’ionnsaigh ceum dotaireachd. Ged thèid an duais gu neach air leth, faodar daoine eile a bhith an lùib a’ phròiseict no an rannsachaidh. Thèid measadh a dhèanamh le panail a’ gabhail a-staigh riochdaire bho theaghlach Dhòmhnaill Iain, co-dhiù aon urrasair, riochdaire bho Fhèisean nan Gàidheal agus suas ri dithis eile le cuireadh bhon urras.
Thèid am pròiseact soirbheachail fhoillseachadh air làrach-lìn Fhèisean nan Gàidheal le lethbhreac de dh’obair sam bith air a cruthachadh leis an duais a chumail leis a’ bhuidhinn cho math ri ann an leabharlann an t-Sabhail Mhòir airson obair-rannsachaidh. Dh’fhaodadh na h-urrasairean beachdachadh air tuilleadh leasachaidh air obair a thèid a cruthachadh. Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh, stiùireadh agus foirm-iarrtais an seo.


