
Tha Fèisgoil, seirbheis foghlaim foirmeil Fhèisean nan Gàidheal, air leth toilichte Seachdain na Gàidhlig 2026 a chur air a chasan le bhith ag innse gum bi Hùb Hàb, pròiseact tèatar-oideachaidh do na Tràth Ìrean, air chuairt a-rithist bho 24 An Gearran. Bidh taisbeanadh na bliadhna a’ deasachadh dhaoine òga anns an ro-sgoil Ghàidhlig agus ann am Foghlam tro mheadhan na Gàidhlig airson làithean na bu bhlàithe ri taobh na mara.
Bidh an taisbeanadh eadar-ghnìomhach, Hùb Hàb air an Tràigh, a’ togail air na rudan iongantach a tha ri fhaicinn agus ri dhèanamh aig a’ chladach, a leithid lorg eòin agus chreutairean-mara, iasgach, seòladh agus snàmh, is mar a chumas iad sàbhailte ‘s iad air oir na mara.
Aig cridhe gach taisbeanadh tha caractar càirdeil air a bheil Hùb Hàb, a tha air aire sgoilearan a tharraing thar nam bliadhnaichean le dealbhan-cluiche a leithid Hùb Hàb anns a’ Ghàrradh, Ri Fuine ‘s Fealla-dhà, Cuairt Bheag, aig an t-Siorcas agus an-uiridh le Hùb Hàb: Latha Mòr nan Geamaichean Gàidhealach.
Is i Sinead Swann a bhios ga cluich am-bliadhna ‘s i air tighinn air bòrd aig Fèisean nan Gàidheal airson a’ chiad turas anns a’ bhliadhna-sgoile 2025-26 mar oide Blasad Gàidhlig do sgoilearan a tha ag ionnsachadh na Gàidhlig mar chànan a bharrachd ann an ceann a tuath na Gàidhealtachd. Thuirt i: “Tha mi a’ dèanamh fiughair mhòr ris an turas a thòiseachadh ann an Druim na Drochaid ‘s cur-seachadan spòrsail Hùb Hàb a thaisbeanadh sna sgoiltean, gu h-àraidh Bun-sgoil Chnoc na Creige, an t-seann sgoil agam fhèin ann am Baile Dhubhthaich.”
Bidh an taisbeanadh air thuras feadh tìr-mòr na Gàidhealtachd is e a’ tadhal air còrr is 140 sgoilear ann an 8 bun-sgoiltean agus sgoiltean-àraich gus briathrachas ùr a theagasg agus a dhaingneachadh dhaibh ann an dòigh-lìbhrigidh a tha làn gluasaid, eadar-obrachaidh, fealla-dhà agus òrain Ghàidhlig sean is ùr a tha furasta a thogail.
Ach bidh caractar eile a’ nochdadh air an latha air a chluich le Hùb Hàb – Caiptean Mac an Leòbaig, a bha uair na iasgair. Gabhaidh esan òran tarraingeach agus tuigseach don chloinn mu riaghailtean na tràghad is trì òrdughan sònraichte aige gus toirt orra cùram a ghabhail: bi glic, bi còir, bi sàbhailte! Thèid an luinneag seo, a chaidh a dhèanamh às ùr don taisbeanadh le Oifigear Dràma Fhèisean nan Gàidheal, Aonghas MacLeòid, a ghabhail am measg òrain aithnichte co-cheangailte ris a’ mhuir a leithid Bàta Sheumais, agus tha Fearghas Rothach cuideachd air ceòl-taic a chur ris an t-seata le diong spòrsail stèidhte air òran ainmeil Runrig, Air an Tràigh.
Thuirt Aonghas MacLeòid, a sgrìobh agus a dheasaich an taisbeanadh: “Leis an eòlas a th’ aig Sinead ag obair le clann òga sa bhun-sgoil agus na tàlantan seinn ‘s cleasachd a th’aice, cha b’urrainn na b’ fheàrr gus turas Hùb Hàb dhan tràigh a bheòthachadh agus tha mi cinnteach gum bi spòrs ‘s fealla-dhà aice fhèin ‘s aig na sgoilearan leis na cur-seachadan a bhios aig Hùb Hàb dhaibh.”
Tha Fèisean nan Gàidheal air leth taingeil don luchd-maoineachaidh cunbhalach Bòrd na Gàidhlig agus Alba Chruthachail airson an cuid taic ann a bhith a’ cur nan tursan dràma seo air an rathad.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu Hùb Hàb agus ar n-obair dràma anns na sgoiltean, cuiribh fios air Oifigear Dràma Aonghas MacLeòid air angus@feisean.scot.


