Bha Fèisean nan Gàidheal air an dòigh sreath de Mheanbh-fhèisean a lìbhrigeadh, ann an com-pàirteachas ri Chomhairle Fhìobha, ann an sgoiltean air feadh na sgìre gus sealltainn gu bheil ceanglaichean làidir ris a’ Ghàidhlig fhathast follaiseach ann am Fìobha san latha an-diugh. Tha Meanbh-fhèisean nam pàirt chudromach den obair leantainneach air a bheil Fèisean nan Gàidheal, agus Fèisgoil gu h-àraid, ag amas ann a bhith a’ toirt seachad taic cànain agus ionnsachadh nan ealan Gàidhlig do sgoilearan air feadh na dùthcha.
Thadhail Josie NicDhonnchaidh, Innes MacIlleBhàin agus Grace Morton, triùir cheòladairean aig a bheil mòran eòlais ann a bhith a’ brosnachadh na Gàidhlig agus ceòl traidiseanta tro obair nam Fèisean, air còig sgoiltean bho Shabhlan gu Cùbar 16-20 Am Màrt gus bùthan-obrach spòrsail agus fiosrachail air sgrìobhadh òrain Ghàidhlig, ceòl traidiseanta agus dràma a lìbhrigeadh. Chùm iad còmhradh brosnachail cuideachd far an d’ fhuair a’ chlann cothrom an cluinntinn a’ seinn sa Ghàidhlig agus innse mar a tha an cànan air cruth a chur air na beathannan agus, gu h-àraid, air na dreuchdan aca.
Fhuair sgoiltean goireasan a bharrachd às dèidh nan seiseanan le fiosrachadh mu ainmean-àite Gàidhlig san sgìre agus figearan is tachartasan eachdraidheil co-cheangailte ris a’ chànan ann am Fìobha, nam measg iomradh air iasgach agus clann-nighean an sgadain, a bhiodh a’ siubhal bho phort gu port air a’ chosta an ear a’ cutadh sgadain agus a’ roinn an cuid cànain is òrain leis an fheadhainn eile a bha an sàs anns a’ ghnìomhachas. Chaidh eisimpleirean de na h-òrain a bhiodh aig na boireannaich seo a chur an cois a’ ghoireas cuideachd mar òrain shìmplidh agus aotrom a ghabhadh teagasg don chloinn.
Tha a’ chlann aig na còig sgoiltean an sàs air a bhith ag ionnsachadh na Gàidhlig mar chànan a bharrachd mar phàirt den churraicealam aca. Ach, thathar an dòchas gum bi na Meanbh-fhèisean air ùidh a phiobrachadh am measg na cloinne agus an tidsearan gus aire a thoirt don Ghàidhlig a tha ri fhaicinn nan sgìrean ionadail fhèin agus gus briathrachas agus òrain Ghàidhlig ùra a thogail san àm ri teachd.
Seo na bh’ aig cuid den luchd-teagaisg an sàs ri ràdh mun chothrom tro Mheanbh-fhèis:
“Cho soirbheachail ’s a ghabhas. Bha sinn air leth fortanach leis na trì oidean a bh’ againn. Bha iad uile mìorbhaileach leis na sgoilearan, a’ toghail ùidh mhòr am measg na cloinne. Bha sinn fortanach gun tàinig iad gus na tàlantan aca a roinn leinn… agus, dhomhsa, chòrd e rium trì eileanaich eile a bhith còmhla rinn san sgoil!”
“Bha am Meanbh-fhèis sgoinneil! Bha ar luchd-obrach air am brosnachadh gu mòr leis agus chluinnear na sgoilearan againn a’ seinn nan òran tron latha, a’ sealltainn gun robh iad air ùidh mhòr a ghabhail ann. B’ e latha air leth a bh’ ann, spòrsail don a h-uile duine. Mìle taing do Josie, Innes agus Grace agus do dh’Fhèisean nan Gàidheal airson a chur air dòigh!”
“Bha an sgioba fìor chomasach agus bha ar luchd-obrach agus ar sgoilearan cho toilichte a bhith an sàs ann an latha cho aigneach làn ionnsachadh agus eòlas ùr!”
Ma tha ùidh agaibh ann am barrachd fiosrachaidh mu Mheanbh-fhèisean, cuiribh fios air Manaidsear Fèisgoil Eilidh NicCoinnich air eilidh@feisean.scot


