Thèid Sgoil-shamhraidh Dràma 2026 a chumail eadar Diluain 6 agus Disathairne 11 An t-Iuchar ann am Port Rìgh. ’S e sgoil-chòmhnaidh a th’ ann a tha fosgailte do thagraichean aig aois na h-àrd-sgoile a tha fileanta sa Ghàidhlig is, ge bith de an ìre de dh’eòlas, thèid fàilte a chur air a h-uile duine aig a bheil ùidh.
’S e Aonghas MacLeòid, Oifigear Dràma Fhèisean nan Gàidheal a bhios a’ cur an tachartais air dòigh gach bliadhna. Thuirt e: “Tha sinn gu math toilichte innse gum bi Fearghas Rothach againn mar Stiùiriche-ealain na Sgoile am-bliadhna. Tha tòrr eòlais aige mar chleasaiche agus mar oide is tha e gu math ceòlmhor cuideachd is e tric a’ taisbeanadh na sgilean sin nuair a thèid fhastadh mar chleasaiche sna dealbhan-cluiche a th’ againn do sgoiltean. Chaidh na sgilean seo a chur gu feum aig an Sgoil-shamhraidh Dràma cuideachd is e na bhall luachmhor de sgioba luchd-oideachaidh na Sgoile sna trì bliadhnaichean a dh’fhalbh. Tha sinn gu math toilichte gun do sheall e ùidh san obair mar stiùiriche-ealain am-bliadhna agus tha mi a’ dèanamh fiughair ris na planaichean a th’ aige do na compàirtichean fhaicinn.”
Thuirt Fearghas: “Tha mi gu mòr a’ coimhead air adhart ri SSD26 agus a’ chiad turas agam os cionn chùisean. Tha an ìre de sgilean dràma agus beachdan cruthachail a th’ aig na daoine òga na mhisneachd mhòr dhomh gach bliadhna, agus tha mi a’ dèanamh fiughair ri barrachd dhe sin fhaicinn as t-samhradh seo.”
Cosgaidh e £160 gus pàirt a ghabhail, prìs a tha a’ gabhail a-steach teagasg rè na seachdain ann an Àrainn Fhinn aig Àrd-sgoil Phort Rìgh, àite-fuirich agus biadh aig Ostail Eilginn. Thèid àite-fuirich aig ostail na Sgoile agus dìnnear a chur air dòigh do thagraichean a bhios a’ siubhal a Phort Rìgh air Didòmhnaich 5 An t-Iuchar.
Tha taic ri fhaotainn do chuid de theaghlaichean ma bhios sin a dhìth tro Urras Shìm MhicCoinnich a th’ air a ruith le Fèisean nan Gàidheal.
Chan eil ach 20 àite ri fhaotainn is mar sin, gus àite a ghlèidheadh, dèan cinnteach gun lìon thu am foirm-clàraidh cho luath ’s as urrainnear.
Lorgar tuilleadh fios agus ceangal don fhoirm-iarrtais aig feisean.org/ssd/
Ma bhios ceist sam bith agad mu dheidhinn nach cuir thu fios air Aonghas MacLeòid air angus@feisean.scot no 01463 225 559.



