Dealbh-chluich ùr do sgoiltean gam brosnachadh an guthan a thogail

As t-fhoghar seo, tha Meanbh-chuileag, seirbheis tèatar-oideachaidh do sgoilearan ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig aig an Dàrna Ìre, air a bhith trang a’ siubhal feadh na dùthcha air thuras leis an dealbh-chluich as ùire aig Fèisean nan Gàidheal a tha ag innse sgeulachd na Gàidhlig.  

Is e Suas leis a’ Ghàidhlig! ainm na dealbh-chluiche, agus gheibh 27 bun-sgoiltean air feadh na dùthcha bho Ath Tharracail gu Baile Dhùbhthaich agus bho Dhùn Èideann gu Eilean Leòdhais cothrom an taisbeanadh fhaicinn.  Thòisich a’ chiad earrann den turas air Dimàirt 29 Sultain agus thadhail na cleasaichean air sgoiltean ann an Lochabar, Muile, Loch Aillse, Baile Dhubhthaich Baile Ùr an t-Slèibh agus san Eilean Sgitheanach.  Thòisich an dàrna earrann den turas an teirm sa air 26 Dàmhair, a’ toirt cothrom do sgoiltean ann an ceann a deas na dùthcha agus sgoiltean anns na h-Eileanan an Iar ga fhaicinn.  

Thig an turas gu crìoch air an deireadh-sheachdain seo le taisbeanadh poblach aig Cultarlann Inbhir Nis, Disathairne 7 Samhain aig 4.30f. 

Le fios gu bheilear a’ comharrachadh 40 bliadhna de dh’Fhoghlam tro Mheadhan na Gàidhlig am-bliadhna, thug seo brosnachadh do dh’Oifigear Dràma Fèisean nan Gàidheal, Aonghas MacLeòid, dealbh-chluich a leasachadh a dh’innseadh sgeul na Gàidhlig o thàinig e gu bith ann an Alba chun an latha an-diugh.  Thuirt e:  “Ged a tha e a’ toirt geàrr-iomradh air eachdraidh a’ chànain, tha cridhe na dealbh-chluiche ann an sealladh a tha stèidhte ann an 2026 agus an cothrom th’ againn mar Ghàidheil a bhith a’ cur luach a bharrachd sa Ghàidhlig is a bhith nas mothachachaile mu na cothroman a th’ againn ga toirt gu aire an t-sluaigh.  Tha e na h-amas gun toireadh an dealbh-chluich seo tuigse nas fheàrr do sgoilearan mun àite a th’ aig a’ Ghàidhlig ann an sgeul na h-Alba, gum faic iad luach a bharrachd ann an leasachaidhean leithid foghlam tro mheadhan na Gàidhlig, a bharrachd air na cothroman a th’ aca fhein na guthan aca a thogail às leth na Gàidhlig.”  

Tha an dealbh-chluich a’ toirt iomradh air a’ bhuaidh a bh’ aig Blàr Chùil Lodair agus na thachair anns na bliadhnaichean a lean, na Fuadaichean agus Achd an Fhoghlaim 1872 (Alba), ach tha e cuideachd a’ toirt sealladh do sgoilearan air na h-oidhirpean a bh’ aig daoine anns na beagan bhliadhnaichean a dh’fhalbh gus a’ Ghàidhlig a bhrosnachadh le sùil shònraichte air a’ bhuidheann-iomairt Ceartas a bha a’ dol aig toiseach nan ochdadan is na h-iomairtean a bh’ aca gus ainmean-àite Gàidhlig a pheantadh air soidhnichean rathaid san Eilean Sgitheanach.  

Tha dà charactar deug anns an dealbh-chluich uile gu lèir is iad air an toirt beò le Grace Morton agus Fearghas Rothach.  Rinn Grace obair dhuinn an-uiridh mar chleasaiche san dealbh-chluich Dìleab Iain agus Maireid agus am panto Gàidhlig Luchlann agus am Bonn Òir. Tha Fearghas Rothach (Passion, Salt and Light) gu math eòlach air tursan dràma Fèisean nan Gàidheal agus pròiseactan Fèisgoil eile.  Is e seo an dàrna turas a dh’obraich iad còmhla air dealbh-chluich Fhèisean nan Gàidheal.  

Tha sinn taingeil mar as àbhaist do ar luchd-maoineachaidh cunbhalach, Alba Chruthachail agus Bòrd na Gàidhlig, airson an cuid taic ann a bhith a’ cur nan tursan air dòigh.  

Airson tuilleadh fiosrachaidh mu Mheanbh-chuileag agus ar n-obair dràma sna sgoiltean, cuiribh fios air Oifigear Dràma, Aonghas MacLeòid air angus@feisean.scot no bheir sùil air duilleag Mheanbh-chuileag air ar làrach-lìn.

Dealbh le Ewen Weatherspoon
Creative Scotland The Scottish Government Bòrd na Gaidhlig Highland Council Argyll & Bute Council William Grant Foundation We are a Living Wage Employer