Fèis chòmhnaidh ùr do sgoilearan san àrd-sgoil

‘S i Fèis chòmhnaidh ùr a th’ ann an Cruinn Còmhla, a bheir buidheann de mu 14 Gàidheil òg cruinn còmhla san Eilean Sgìtheanach fad 4 latha, 13 – 17 Gearran 2027. Bidh gach latha air a dhèanamh an-àirde de 3 phrìomh phàirtean:
1)obair choimhearsnachd no charthannach
2)bùth-obrach co-cheangailte ri ceòl, òrain, bàrdachd-baile no ealain traidiseanta eile
3)taigh-cèilidh (cèilidh san taigh le ceòl is sgeulachdan, agus le aoigh a’ tadhal oirnn)
Thèid cudrom a chur air obair eadar-ginealaich agus cur-seachadan a bhrosnaicheas fallaineachd is neo-eisimeileachd. A bharrachd air sin bidh cur-seachadan meòrachail agus anns an raon-a-muigh, agus bidh com-pàirtichean ag ionnsachadh mar a dh’ullaicheas iad biadh mòr gach feasgar, a bheir sinn seachad dha na h-aoighean againn.
Eisimpleir latha:
Madainn: Cèilidh aig dachaigh-cùraim
Feasgar: Bùth-obrach ciùil, seanchais no òrain le sàr oide
Ciaradh: Taigh-cèilidh, le beul-aithris ionadail no os-nàdarra
Cosgaidh an cothrom air leth seo £130 an duine, le taic ri fhaotainn do chuid de theaghlaichean ma bhios sin a dhìth. Tha seo a’ gabhail a-steach fàrdachd, biadh agus cur-seachadan.
Tha sinn an dòchas ur faicinn CRUINN CÒMHLA aig an tachartas.
Cuiribh fios gu calum.fraser@feisean.scot airson tuilleadh fiosrachaidh.


