Coimisean ùr mar chomharra air Colmcille 1500

A new commission to celebrate Colmcille 1500

Tha Colmcille1500 a’ comharrachadh beatha agus dìleab Chaluim Chille / Cholmcille / Columba, 1500 bliadhna bho rugadh e.  Bidh a’ bhliadhna a’ brosnachadh dualchas an naoimh agus abaid Eilean Ì a bha a’ ceangal Èirinn, Alba agus nas fhaide air falbh.

Mar chomharra air a’ chlach-mhìle seo, tha cothrom air nochdadh tagraidhean iarraidh bho cheòladair le Gàidhlig stèidhichte ann an Alba, co-obrachadh a dhèanamh le neach-ciùil air taobh thall Sruth na Maoile, taisbeanadh ciùil a chur ri chèile a bhios ri chluinntinn aig Blas 2021.

Sruth – as ainm dha na bheir òigridh à Alba, Èirinn agus Alba Nuadh còmhla gus sàr-chluich air loidhne a chruthachadh a chomharraicheas an dualchas Gàidhealach a tha aca sa chumantas tro sgeulachdan, ceòl is òrain. Bidh an luchd-compàirt eadar 14 agus 20 bliadhna dh’aois, fileanta nan cànain fhèin agus aig ìre eadar-mheadhanach gu adhartach nan ealan fhèin.

Tron phròiseact seo gabhaidh iad compàirt ann an sreath sheiseanan-obrach air loidhne le luchd-ciùil proifeiseanta air an ceann a rannsaicheas stuth a chrìochnaicheas ann an suite-ciùil a thèid clàradh air leth aig astar leis an luchd-compàirt agus a mhaireas mu 30 mionaidean. Thèid an ceòl slàn a chur an cèill còmhla ri dealbh-chluich agus òran air ùr-dhèanamh, le tionndaidhean ann an Gàidhlig is Gaeilge, airson tachartas air loidhne a chruthachadh airson Fèis Blas 2021.

Tha Sruth ga mhaoineachadh tro Cholmcille, prògram compàirteachas eadar Foras na Gaeilge agus Bòrd na Gàidhlig, a’ cur air adhart cleachdadh na Gàidhlig agus na Gaeilge agus a’ toirt Ghàidheil  Albannach is Èireannach còmhla gus:

  • Eòlas a chur air càch a-chèile, an cànain, an cultar is an dualchas
  • Èisteachd ann an doimhneachd ri chèile agus an dualchas a chompàirteachadh
  • Eòlas a roinn agus co-obrachadh airson freagairt air feumalachdan a-chèile
  • Am mothachadh a mhòrachadh air an àrainneachd nàdarrach, fiosaigeach agus cultarach sa bheil iad beo, agus slàinte is maith nan cànainean Gàidhealach mar phàirt den àrainneachd ud
  • Co-obrachadh le Gàidheil Chanada agus an Eilein Mhanainnich

Tha Feisean nan Gàidheal a’ sireadh mholaidhean bho neach-ciùil Albannach a bhios ag obair ann an co-bhoinn ri neach-ciùil Èireannaich dhe a roghainn fhèin airson cluich a mhaireas mu 30 mionaidean a chur air dòigh anns am bi dual-cheòl is òrain Albannach is Èireannach. Thèid seo a chlàradh ro làimh aig astar le compàirtichean bho air feadh gluasad nam Fèis, a bharrachd air luchd-cluiche òg à Èirinn agus à Ceap Breatainn, agus thèid a’ chluich a shruthadh mar phàirt de dh’Fhèis Bhlas na bliadhna-sa san t-Samhain.

Bidh buidseat suas gu £2,000 ri fhaighinn don tagraiche a choisneas is bidh dùil gun coimhlìon e na leanas:

  • Taghadh ceòladair Èireannach a dh’oibricheas ann an co-bhoinn ris/rithe fad a’ phròseict, is aig am bi £1,000 ri fhaighinn a bharrachd air a’ bhuidseat gu h-àrd
  • Taghadh is cur air dòigh ceòl a bhios freagarrach do luchd-ciùil òg a chluich bho ìre eadar-mheadhanach gu adhartach, anns am feum co-dhiù aon òran Gàidhlig a bhith.
  • Clàradh bhannan-iùil agus ullachadh ceol sgrìobhte/faclan òrain
  • Stiùireadh do luchd-ciùil òg air clàradh aig an taigh le comhairle shoilleir air feumalachd theicnigeach
  • Stèidheachadh agus làimhseachadh siostam a ghabhas a h-uile clàradh dèante aig an taigh
  • Cur ri chèile bhidio dheireannach airson craoladh ri bhith deiseil air latha a thèid aontachadh le Fèisean nan Gàidheal.

Fios mionaideach air am bu chòir dhut beachdachadh san tairgse agad:

  • Bu chòir don tairgse agad nochdadh air aon taobh-duilleige A4
  • Bu chòir don obair agad buntainn ris na h-amasan gu h-àrd
  • Bu chòir don chluich maireachdainn mu 30 mionaidean a dh’fhaid
  • Cuir ann eachdraidh mhionaideach a tha thu a’ smaointinn a tha buntainneach don chothrom seo
  • Dèan cinnteach gun ainmich thu daoine sam bith a tha thu an dùil obair còmhla riutha gus an coimisean seo a thoirt gu buil, fiù ‘s mur eil thu cinnteach gur iad a nì e aig an ìre seo.

Feuch gun cuir thu molaidhean ann am post-dealain gu Nicola Simpson aig nicola@feisean.scot ro 5:00f Dihaoine 27 Lùnastal 2021.

Thèid dèiligeadh leis a h-uile moladh ann an dìomhaireachd agus bhiomaid an dòchas ur freagairt le co-dhùnadh ro tràth san t-Sultain.

Creative Scotland The Scottish Government Highlands and Islands Enterprise Bòrd na Gaidhlig Highland Council Comhairle nan Eilean Siar Argyll & Bute Council We are a Living Wage Employer