Tha sinn a’ sireadh ur taic!

Tha Fèisean nan Gàidheal a’ meòmhrachadh an-dràsta air còmhlan nàiseanta de cheòladairean traidiseanta bho na Fèisean a stèidheachadh coltach ris an buidhnean nàiseanta eile ann an Alba – NYOS, NYCOS is mar sin air adhart.
Bhitheamaid an dòchas gum bi seo tarraingeach do luchd-ciùil agus seinneadairean Gàidhlig le sgilean ciùil aig ìrean eadar-mheadhanach no adhartach. Bhitheamaid an dùil gum biodh seiseanan ullachaidh ann tron bhliadhna, le oidean comasach, brosnachail cho math ri cothroman nochdadh aig fèis ciùil no dhà.
Ged a tha beachd-smaoin againn, bu mhath leinn cluinntinn bhuaibhse airson cruth a chur air planaichean. Bhitheamaid gu mòr nur comain nan cuireadh sibh seachad beagan mhionaidean an ceisteachan seo a lìonadh.


