Bothan nan Òran

Ma tha ùidh agaibh ann an òrain a sgrìobhadh, eadar An Dàmhair ‘s an t-Samhain bidh cothrom air leth agaibh ur sgilean cruthachail a leasachadh – ge bith dè an ìre aig a bheil sibh. Le Màiri Anna NicUalraig, Robbie MacLeòid, Seumas Hind agus Nick Turner os an cionn, bidh tachartasan air-loidhne eadar cuirmean, seisean leasachaidh ann an cànan agus ceòl, cho math ri cothrom taisbeanaidh aig crìoch chùisean.

Gheibhear fiosrachadh mun chùrsa air taobh deas na duilleige. ‘S dòcha gum bi atharraichean beaga ann fhathast ach thèid seo a dhearbhadh aon uair ‘s gu bheil sibh air clàradh. Tha e AN-ASGAIDH pàirt a ghabhail – ri linn taic-airgid bho Alba Chruthachail, Bòrd na Gàidhlig agus HIE – agus ghabhadh clàradh a dhèanamh tro Eventbrite.

Creative Scotland The Scottish Government Highlands and Islands Enterprise Bòrd na Gaidhlig Highland Council Comhairle nan Eilean Siar Argyll & Bute Council