‘S e pròiseact dualchais a th’ ann am Fuaran a chuir Fèisean nan Gàidheal air dòigh gus ginealach ùr de sheinneadairean agus luchd-labhairt na Gàidhlig a bhrosnachadh gus òrain Ghàidhlig as na sgìrean aca fhèin a rannsachadh agus a chruinneachadh.
Tha còrr math is 70 neach òg aois 16-25 air pàirt a ghabhail ann am bùithtean-obrach seinn is trèanaidh le cuid dhe na h-eòlaichean as comasaiche a th’ againn ann an saoghal na Gàidhlig. Tha feadhainn aca air a dhol air adhart gus trèanadh agus rannsachadh na bu doimhne a dhèanamh le bhith a’ cumail agallamhan le daoine bho chaochladh choimhearsnachdan agus a’ sgrùdadh chruinneachaidhean agus ghoireasan beul-aithris.
Tha an sgioba seo air òrain a thrusadh agus a chlàradh as ùire, a’ toirt dhuinn cruinneachadh prìseil de dh’òrain Ghàidhlig. Thathar an dòchas gum bi iad seo nan deagh ghoireas do sheinneadairean agus luchd-teagaisg, ’s gu dearbh gum bi e gam brosnachadh gus tuilleadh de dh’òrain Ghàidhlig a rannsachadh agus a chruinneachadh.
Leanaibh air adhart gu làrach Fhuarain gus na h-òrain a chluinntinn agus a rannsachadh dhuibh fhèin: