leig a-nuas

Rannan Ùra

Le taic bho Bhòrd na Gàidhlig tha Fèisean nan Gàidheal air leth toilichte cothrom sònraichte a thabhann do dhaoine òga aig a bheil ùidh ann a bhith sgrìobhadh òrain Ghàidhlig.

Thèid Rannan Ùra a’ stiùireadh leis an seinneadair is sgrìobhaiche-òrain ainmeil Alasdair MacIlleBhàin. Bheir Alasdair taic is brosnachadh do chom-pàirtichean an cuid sgilean a leasachadh le comhairle air mar a b’ urrainn dhaibh na beachdan aca a thionndadh gu òrain ùra.

Bidh cothrom aig com-pàiritichean clàradh na h-òrain gu proifeiseanta agus le bhideo.

Glaschu

Thèid a’ chiad deireadh seachdain a chumail air 2/3 Màrt eadar 10m-4f gach latha aig Ionad Theatar Òigridh na h-Alba (Scottish Youth Theatre) ann an Glaschu ‘s bidh e fosgailte do chom-pàirtichean eadar 18-25 bliadhna a dh’ aois. Thèid lòn agus ti/cofaidh/sùgh a chuir air dòigh airson com-pàiritichean gach latha ‘s bidh àite-fuirich ri fhaighinn do chom-pàirtichean a tha fuireach taobh a-muigh Glaschu ‘s nach eil comasach air siubhal gach latha.

Inbhir Nis

Thèid an dàrna dheireadh-sheachdain a chumail eadar 8-10 Màrt ann an Inbhir Nis (àite ri dhearbhadh) eadar 10m – 4f gach latha ‘s bidh e fosgailte do chom-pàirtichean a tha eadar 14-20 bliadhna a dh’ aois. Thèid lòn agus ti/cofaidh/sùgh a chuir air dòigh airson com-pàiritichean gach latha ‘s bidh àite-fuirich ri fhaighinn ma bhios sin a dhìth le luchd-àire a’ cumail taic ri com-pàirtichean fo 18 bliadhna a dh’ aois.

Cosgaidh Rannan Ùra £10/£25 (ma tha àite fuirich a dhìth) ‘s bidh taic ri fhaotainn le siubhal.

Feumaidh com-pàiritichean a bhith fileanta sa Ghàidhlig agus ùidh aca a bhith tòiseachadh sgrìobhadh òrain no leasachadh na sgilean aca.

Gheibhear foirm-iarrtais an seo https://goo.gl/forms/HS2ajExo0IraKtJ32 Feumaidh iarrtasan a bhith a-staigh ro Dhiluain 18 Gearran

Cuiribh fios gu Calum Ailig MacMhaoilein air calum@feisean.org no 01463 225559 airson tuilleadh fiosrachaidh

Creative Scotland The Scottish Government Highlands and Islands Enterprise Bòrd na Gaidhlig Highland Council Comhairle nan Eilean Siar Argyll & Bute Council