Dràma air Chuairt 2026

Tha Dràma air Chuairt air ais!

Tha Fèisean nan Gàidheal a’ sireadh ceathrar chleasaichean òga, aois 18 – 30, airson a’ phròiseict Dràma air Chuairt, le maoineachadh bho mhaoin Fèisean gan Leudachadh, a th’ air a làimhseachadh le Alba Chruthachail às leth Riaghaltas na h-Alba.

Tha am pròiseact stèidhte air an iomairt shoirbheachail Cèilidh air Chuairt, ach le ceathrar chleasaichean, an àite luchd-ciùil, a’ faighinn a’ chothroim air raon farsaing de sgilean dràma ionnsachadh is a leasachadh mus tèid iad air chuairt le dealbh-chluich ùr.

Thèid an cothrom pàighte a thabhann do na ceathrar a bhios soirbheachail ann an deuchainnean-cluiche.

An lùib a’ phròiseict bidh seachdain de thrèanadh agus ruith-thairis air an dealbh-chluich ann an Inbhir Nis cuide ris an stiùiriche a bharrachd air cuairt fad seachdain a bhios mar phàirt de dh’Fhèis Blas na bliadhna sa, eadar 31 Lùnastal – 12 Sultain.

Thèid an dealbh-chluich ùr, mu 45 mionaid de dh’fhaid, a sgrìobhadh a dh’aona-ghnothaich airson a’ phròiseict, agus bidh na cleasaichean ga thaisbeanadh ann an àrd-sgoiltean air feadh na Gàidhealtachd agus aig tachartasan poblach, ach cuideachd a’ dèanamh bhùitean-obrach le sgoilearan.

Gheibh gach cleasaiche £1,500 airson a bhith an sàs agus thèid cosgaisean siubhail, òstachd agus biadh a phàigheadh dhaibh.

CHAN EILEAS A’ GABHAIL TUILLEADH IARRTASAN A-NIS. Bidh Dràma air Chuairt air ais an ath-bhliadhn’ agus faodaidh sibh am foirm seo a lìonadh nam biodh ùidh agaibh sa chothrom.

Cuiribh fios gu calum.fraser@feisean.scot ma tha ceistean sam bith agaibh.

Creative Scotland The Scottish Government Bòrd na Gaidhlig Highland Council Argyll & Bute Council William Grant Foundation We are a Living Wage Employer