Ged nach bi Fèisean a’ tachairt san dòigh àbhaisteach aig an àm seo, tha sinn uabhasach toilichte gum bi clasaichean air-loidhne ri fhaotainn bhuapa.
Bidh na clasaichean an-asgaidh ged a chuireamaid fàilte air tabhartas sam bith gus ar cuideachadh le cosgaisean an cur air dòigh. Ma tha e comasach dhuibh tabhartas a thoirt dhuinn, ghabhadh sin a dhèanamh tron duilleag JustGiving againn.
Bidh Fèis Air an Oir agus Fèis a’ Bhaile a’ tabhann taghadh de chlasaichean air-loidhne eadar 19-23 Dàmhair, nuair is àbhaist do na Fèisean a bhith a’ tachairt. Gheibhear barrachd fiosrachaidh agus cothrom àite a ghlèidheadh le bhith leantainn nan ceanglaichean gu h-ìosal.
Aon uair ’s gu bheil sibh air taghadh a dhèanamh bidh àite air a ghleidheil dhuibh airson Diluain gu Dihaoine.
‘S ann airson clann eadar 8 suas gu 18 bliadhna a dh’aois a tha a mhòr chuid de na clasaichean seo ach bidh cothrom aig com-pàirtichean aois 5-7 agus inbhich pàirt a’ gabhail cuideachd.
Clasaichean Maidne
10m – 1030m gach latha
Bogsa – Luchd-toiseachaidh/Beagan eolas
Fidheall – Luchd-toiseachaidh/Beagan eolas
Feadan – Luchd-toiseachaidh/Beagan eolas
Fìdeag – Luchd-toiseachaidh/Beagan eolas
Meur-chlàr (Gàidhlig) – Luchd-toiseachaidh/Beagan eolas
Faram airson aois 5 – 7
Gaelic Song for age 8+
11m – 1130m gach latha
Bogsa – Eadar mheadhanach/Adhartach
Fidheall – Eadar mheadhanach/Adhartach
Feadan – Eadar mheadhanach/Adhartach
Fìdeag – IEadar mheadhanach/Adhartach
Meur-chlàr(Gàidhlig) – Eadar mheadhanach/Adhartach
Faram airson aois 8+
Seinn airson aois 5 – 7
12 – 12.30pm each day
Dràma airson clann sa bhun-sgoil
Seinn (Gàidhlig) airson aois 8+
Clasaichean Feasgair
2f – 230f gach latha
Bogsa (Gàidhlig) – Luchd-toiseachaidh/Beagan eolas
Feadan(Gàidhlig) – Luchd-toiseachaidh/Beagan eolas
Meur-chlàr – Luchd-toiseachaidh/Beagan eolas
Dràma (Gàidhilg) aois 5-7
Puirt airson Inbhich (Bidh an clas seo 45 mionaidean)
3f – 4.15f gach latha
Puirt airson aois 12+ – Adhartach
Tadhal air eventbrite airson clàradh agus barrachd fiosrachaidh.