Duais Bhliadhnail Urras Dhòmhnaill Iain MhicAoidh

Farpais le duais £500 do dh’oileanaich mar chuimhneachan air sàr-Ghàidheal

Tha Urras Foghlaim Dhòmhnaill Iain MacAoidh air farpais bhliadhnail a stèidheachadh mar chuimhneachan air Dòmhnall Iain MacAoidh, a bha, am measg iomadh dreuchd eile, na Iar Chathraiche air Urrasairean agus na Mhanaidsear Leasachaidh Phròiseactan aig Sabhal Mòr Ostaig.  Tha an fharpais a’ comharrachadh na h-obrach ionmholta a rinneadh le Dòmhnall Iain às leth na Gàidhlig agus leasachaidhean gnìomhachais air feadh na Gàidhealtachd agus nan eilean.

Bha dlùth cheangal aig Dòmhnall Iain ri obair an t-Sabhail Mhòir, Ionad Rannsachaidh Lèirsinn, An Comunn Gàidhealach, (far an robh na chiad Stiùiriche bho 1965-70), Comunn na Gàidhlig, Alcan Bhreatainn, Comann a Chlò Hearaich, Bòrd Leasachaidh na Gàidhealtachd is nan Eilean agus Comann Gàidhlig Inbhir Nis fad bhliadhnaichean, a bharrachd air ceanglan ri buidhnean eile.

Thèid an fharpais a líbhrigeadh agus a làimhseachadh le Fèisean nan Gàidheal às leth Urras Dhòmhnaill Iain agus bidh aig farpaisich ri na nì iad a cho-thaobhadh ri amasan agus cinn-uidhe Plana Nàiseanta na Gàidhlig agus an Urrais fhèin.

‘S e Dihaoine 4mh Dàmhair 2019 an ceann-là airson tagradh a chur a-steach agus gheibhear tuilleadh fiosrachaidh sa phasgan a ghabhadh a luchdadh a-nuas air taobh deas na duilleige.

Creative Scotland The Scottish Government Bòrd na Gaidhlig Highland Council Argyll & Bute Council William Grant Foundation We are a Living Wage Employer