Dìonadh

Bu chòir do dh’òganaich agus inbhich a bhith a’ faireachdainn sàbhailte, tèarainte fhad ‘s a tha iad a’ gabhail com-pàirt ann an tachartasan a tha air an cur air dòigh, no air am maoineachadh, le Fèisean nan Gàidheal. Nì Fèisean nan Gàidheal a h-uile h-oidhirp reusanta gus dèiligeadh ri com-pàirtichean ann an tachartasan dàimheil, dùbhlanach, cumhachdach, spòrsail, in-ghabhalach, dibhearsanach agus brosnachail. Nì sinn ar dìcheall dèanamh cinnteach à sàbhailteachd agus sunnd a h-uile com-pàirtiche, ball, eagraiche agus oide agus an dìon bho dhroch dhìol corporra, feise agus aigne, no dearmad. Tha dleastanas Fèisean nan Gàidheal a’ gabhail a-steach comhairle a thoirt do dh’Fhèisean mar a nì iad mar an ceudna agus, ann an cuid de shuidheachaidhean, a bhith toirt orra sin a dhèanamh tro chumhachan maoineachaidh agus ballrachd.

Tha poileasaidhean eadar-dhealaichte againn airson taic a chumail ris na h-amasan seo agus ghabhadh an fheadhainn as cudromaiche, ar poileasaidh Àite Dìonta nam measg, a leughadh air taobh deas na duilleige far an faighear Còd Giùlain cuideachd. Chithear Art MacCarmaig a’ bruidhinn mu dhìonadh sa bhideo seo.

A bharrachd air an taic a gheibhear bho Fhèisean nan Gàidheal, ma thachras dad mì-iomchaidh no ma tha còmhradh a dhìth le neach taobh a-muigh Fèisean nan Gàidheal, faodar feum a dhèanamh de na goireasan a leanas.

SARCS

Aonadh an luchd-ciùil

Rape Crisis Scotland

Victim Support

Crimestoppers

Gheibhear barrachd fiosrachaidh a dh’fhaodadh a bhith feumail tron cheangal seo aig The Bit Collective agus tron cheangal BBC seo.

Tha gruinn bhuidhnean a’ cur chùrsaichan air dòigh, nam measg:

Aonadh an Luchd-ciùil

NSPCC

Bidh Fèisean nan Gàidheal daonnan toilichte cosgaisean trèanaidh a ghiùlain do chomataidhean nam Fèis agus oidean. Bu chòir dhuibh fios a chur gu Anne Willoughby – anne@feisean.scot – mun seo.

Gheibhear, cuideachd, comhairle agus fiosrachadh bhon ùghdarras ionadail agaibh no tro OSCR.

Creative Scotland The Scottish Government Bòrd na Gaidhlig Highland Council Argyll & Bute Council William Grant Foundation We are a Living Wage Employer