fàilte bhlàth air dà fhèis ùr

Thursday 2nd April 2015

Tha aighear air Fèisean nan Gàidheal fhoillseachadh gu bheil dà fhèis ùr air ballrachd a thoirt a-mach le Fèisean nan Gàidheal: Fèis Phàislig ann an Siorrachd Rinn Friù agus Fèis na h-Apainne ann an Earra-Ghàidheal.

Tha Fèis Phàislig air fèis samhraidh air chur air bhonn a bhios a’ tairgse ceithir latha de dh’ oideachas anns na h-ealain traidiseanta do dh’ òigridh Shiorrachd Rinn Friù eadar 8 is 18 bliadhna a dh’ aois. ’S ann bho Dhimàirt 21 gu Dihaoine 24mh den Iuchar a chumas an fhèis is tha iomadh ionnsramaid is cuspair ri fheuchainn: fidheall, bogsa-ciùil, giotàr, feadan is a’ phìob, clàrsach, seinn, drumaireachd agus dràma. ’S e seachdain loma-làn a bhios ann gun teagamh agus gus airgead a thogail ma choinneamh tha an comataidh ùr a’ cumail cèilidh Disathairne 25 den Ghiblean ann an Ionad Wynd, Pàislig. Airson ticeadan no gus barrachd fhaighinn a-mach mun fhèis nach tadhal sibh air an làrach-lìn www.feisphaislig.com no cuiribh fios gu cathraiche Fèis Phàislig Grant Mac a’ Phàrlain air grant@feisphaislig.com. Gheibhear lorg air a h-uile naidheachd a th’ aig an fhèis air Facebook cuideachd air duilleig Facebook na fèise.

Agus ann an Earra-Ghàidheal tha Fèis na h-Apainne air èiridh a-mach à iarrtasan bhon choimhearsnachd airson chlasaichean cunbhalach ann an ceòl traidiseanta do dh’ òigridh na sgìre. Às dèidh pròiseact pìleit air leth soirbheachail bidh Fèis na h-Apainne a’ tairgse latha-ciùil gach mìos tro theirm na sgoile ann an Bun-sgoil Srath na h-Apainne. Thathar a’ tabhann bhùthan-obrach ann an taghadh farsaing de chuspairean: fidheall, giotàr, bogsa-ciùil, clàrsach, feadan, dannsa-ceum, dannsa Gàidhealach, fìdeag, teicneòlas ciùil agus dràma. Tha ionnsramaidean aig an fhèis rim faotainn air mhàl agus bidh Fèis Bheag a’ dol aig a’ cheart àm le geamannan, òrain agus ealain do chloinn nas òige na 8 bliadhna is pàrant còmhla riutha. Airson barrachd fiosrachaidh no airson àite a ghleidheadh nach cuir sibh fios gu Oifigear Leasachaidh Fèisean nan Gàidheal Vicky NicIlleathain air vicky@feisean.org no bheiribh sùil air duilleig Facebook na fèise.

Bu thoil le Fèisean nan Gàidheal fàilte chridheil a chur air an dà fhèis ùr seo is fiughair oirnn ri bhith ag obair gu dlùth leotha san àm ri teachd gus cothroman do dh’ òigridh anns na h-ealain traidiseanta a chruthachadh agus a leasachadh.

Creative Scotland The Scottish Government Highlands and Islands Enterprise Bòrd na Gaidhlig Highland Council Comhairle nan Eilean Siar Argyll & Bute Council